Dragh mu dhàil Stèisean Smàlaidh

  • 15 An Giblean 2015
Luchd-smàlaidh
Image caption Dh'fhaodadh gun tèid phìosan den stèisean ùr a ro-chumadh air Tìr Mòr an toiseach.

Tha buill de Chomhairle nan Eilean Siar air dragh a nochdadh às dèidh mar a thàinig e am bàrr gun tèid dàil air ath-leasachadh Stèisean Smàlaidh Steòrnabhaigh.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh 's Cobhair na h-Alba gum bi an obair nas daoire na bha iad an-dùil.

Tha iad a-nis ag ràdh gur dòcha gun tèid pìosan den stèisean ùr a thogail air Tìr Mòr mus tèid an cur ri chèile ann an Steòrnabhagh.

A rèir bhall na Comhairle, thàinig an naidheachd sin mar chlach às an adhair dhaibh.

"Tha treiseag bho thòisich iad a' bruidhinn air Stèisean Steòrnabhaigh a leasachadh agus a dhèanamh an-àirde is bha na planaichean aca deiseil", thuirt cathraiche Comataidh Àrainneachd 's Seirbheisean Dìon na Comhairle, Tormod MacLeòid.

"Tàmailteach"

"Tha e tàmailteach fhaicinn aig an àm seo nuair a chaidh ionmhas a chur ma seach airson an obair a dhèanamh. Chanainnsa gum bu chòir fios a bhith aca aig an àm a chuir iad an t-ionmhas ma seach air a shon gum biodh beachd math aca dè bha e a' dol a chosg an obair a bha sin a dhèanamh", thuirt e.

Thuirt Mgr MacLeòid cuideachd nach d' fhuair a' Chomhairle mìneachadh air dè seòrsa togalaich a bhios ann.

Feumaidh e a bhith freagarrach air sìde nan Eilean Siar, thuirt e, is a bhith làidir gu leòr 'son seasamh fad suas ri 30 no 40 bliadhna.

Thuirt Mgr MacLeòid gum b' fheàrr leis gum biodh an obair air fad air a dhèanamh anns na h-Eileanan an Iar fhèin ach gu bheil e a' tuigsinn gum feum Seirbheis an Smàlaidh a' phrìs is luach as fheàrr a ghabhail.

Dh'aidich e gur dòcha gum feum companaidh togail anns na h-Eileanan fhèin coimhead air na prìsean aca gus am faigh iad cùmhnantan den leithid, is e ag ràdh gu bheil e follaiseach gu bheil na sgillean aca mar-thà an obair a dhèanamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile