Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Karen Buckley

Thòisich poilis ann an Glaschu a' rannsachadh a-rithist an-diugh airson boireannach òg nach fhacas bho thràth madainn na Sàbaid taobh a-muigh cluba-oidhche air taobh siar a' bhaile. Buinidh Karen Buckley, oileanach a tha 24 bliadhna de dh'aois, do Chorcaigh ann am Poblachd na h-Èireann. Chaidh baga-làimhe leatha fhaighinn an-dè ann am Pàirce Dawsholm anns a' bhaile. Tha poilis air a bhith a' ceasnachadh duine, Alexander Pacteau, ach thuirt iad nach eil e fo amharas aca.

Iomairt an Taghaidh

Dh'fhoillsich Nick Clegg, Ceannard nan Libearalach Deamocratach, manifesto an taghaidh aca ann an Lunnainn an-diugh. Tha na Lib-Deamaich a' gealltainn faochaidh nas motha air cìs teachd-a-steach, agus còig molaidhean a thaobh na h-àrainneachd. Tha iad ag ràdh cuideachd gun cuir iad an eaconamaidh ceart ann an dòigh chothromach le cìsean nas àirde air an fheadhainn as motha a tha a' cosnadh.

Tha UKIP cuideachd a' foillseachadh 's iad a' gealltainn £3bn a bharrachd air an NHS ann an Sasainn agus referendum air ballrachd Bhreatainn san Aonadh Eòrpach cho luath 's a ghabhas.

Fògarraich

Thuirt an carthannas Save the Children gu bheil a h-uile coltas ann gun deach mu 400 luchd-in-imrich - clann ann am feadhainn dhiubh - a bhàthadh nuair a chaidh car den bhàta san robh iad far Libia. Thuirt Mìcheal Diedring, Àrd-Rùnaire na Comhairle Eòrpaich airson In-Imreachd agus Fògarraich, gum feum na h-ùghdarrasan a dhèanamh nas fhasa do dh'fhògarraich tighinn dhan Aonadh Eòrpach.

An Fhadhail a Deas

Thèid luach suas ri £2m de leasachadh a dhèanamh air an Fhadhail a Deas eadar Beinn nam Fadhla agus an t-Iochdar airson a dhìon bho thuiltean. Chaidh beachdachadh rona seo air drochaid a chur ann, ach dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar sgeama dìon thuiltean a chur an sàs.

Stèisean Smàlaidh Steòrnabhaigh

Tha comhairlichean ann an Leòdhas mì-thoilichte mu mhaill air leasachadh aig Stèisean Smàlaidh Steòrnabhaigh. Thuirt Seirbheis Smàlaidh 's Cobhair na h-Alba gun cosg an obair barrachd na bha dùil, agus gu bheil iad a' beachdachadh a-niste air pìosan den stèisean ùr a thogail air Tìr Mòr an toiseach, agus an toirt a Leòdhas an dèidh sin. Tha comhairlichean ag ràdh gun toir sin obair bho chompanaidhean ionadail.

Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba

Thèid luchd-obrach aig Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba air stailc a-màireach 's fad an là Dihaoine, agus àimhreit ann bho chionn ùine mu phàigheadh. Thuirt an t-aonadh am PCU gun do dh'fhailich na còmhraidhean eadar ceannardan an taigh-tasgaidh agus Riaghaltas na h-Alba. Tha an t-aonadh ag ràdh gun do sguir luchd-stiùiridh a thoirt airgid a bharrachd do luchd-obrach airson a bhith ag obair air na deireadh-sheachdain.