Càr ga chlàradh aig 130msu air Ghàidhealtachd

  • 14 An Giblean 2015

Chaidh fios a chur gu luchd-casaid mu dhithis fhireannach às dèidh mar a chaidh càr a chlàradh a' dol aig timcheall air 130msu air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt na poilis gun deach an càr fhaicinn air an A832 faisg air Achadh nan Allt mu 12:55 Latha na Sàbaid.

Chaidh fios gu Neach-casaid a' Chrùin mu fhireannach 40 bliadhna a dh'aois co-cheangailte ri casaidean dràibhidh.

Chuirear fios cuideachd mu fhireannach 36 bliadhna a dh'aois, leis a bheil an càr.

Thuirt na poilis nach robh àrachas air a' chàr agus gun robh an MOT air ruith a-mach.