Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Taghadh Coitcheann

Thuirt an Seansalair Seòras Osborne gun cailleadh an dùthaich ceudan milleannan not nam faigheadh na Làbaraich air adhart le am planaichean airson cur às dha faochadh chìsean "non-dom" do dh'fheadhainn a bhuineas do Bhreatainn ach nach eil a' còmhnaidh làn-ùine san dùthaich. Thuirt an Ceannard Làbarach Ed Milband nach urrainn gabhail tuilleadh ris an t-suidheachadh sin. Ach tha e air tighinn am follais on uair sin gu bheil sin a' dol calg-dhìreach an aghaidh na thuirt an Seansalair Làbarach, Ed Balls, ann an agallamh leis a' BhBC anns an Fhaoilleach.

Tha ceannardan poileagaigeach na h-Alba ag ullachadh airson deasbad eile air an telebhisean a-nochd an dèidh còmhraidh air farsainneachd chuspairean air STV an-raoir, tha iad a' dol an aghaidh a chèile air a' BhBC a-nochd.

British BG Group

Tha a' chompanaidh ola Royal Dutch Shell a' ceannach na treas companaidh chumhachd as motha ann am Breatainn, British BG Group air £50bn. Tha bùird-stiùiridh an dà chompanaidh a' gabhail ris an aonta as motha sa ghnìomhachas bho chionn còrr is 10 bliadhna.

Stailc HIAL

Tha ceannard gnothachais ag ràdh gun dèan an stailc aig Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean cron air an eaconamaidh. Thuirt Stiubhart Nicol, Àrd-Oifigeach Seòmraichean Malairt Inbhir Nis gu bheil an stailc a' dèanamh droch ìomhaigh do dhaoine den cheann a tuath. Tha luchd-obrach tèarainteachd aig na puirt-adhair a' tòiseachadh air an dàrna là de stailc dà là 's iad mì-thoilichte mu phàigheadh agus cùmhnantan-obrach.

Lìonail

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach gabh iad gnothach ri co-dhùnadh Comhairle nan Eilean Siar àrd-sgoil dà bhliadhna Lìonail ann an Nis a dhùnadh. Bha pàrantan a' gearain gum biodh slighe ro fhada aig cloinn gu Àrd-Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Thuirt Cathraiche Foghlaim Chomhairle nan Eilean Siar, Catriona Stiùbhart, gun deach an co-dhùnadh a ghabhail air dè a b' fheàrr do dh'fhoghlam na cloinne. Dùinidh àrd-sgoil Lìonail aig saor-làithean an t-Samhraidh, agus tòisichidh clann na sgìre ann an Sgoil MhicNeacail anns an Lùnastal.

Pròiseactan Einnsinnìridh

Tha dragh ann gun dèan cion-obrach do chompanaidh einnsinnìridh cunnart do dh'eaconamaidh nan Eilean Siar. Tha e air tighinn am follais nach eil pròiseactan mòra san amharc airson rathaidean nan Eilean airson a' chiad uair ann an còrr is 30 bliadhna, agus gun tig an obair bhliadhnail airson càradh cuid de na rathaidean gu crìch anns an Iuchar.

Westford Inn

Bidh coinneamh phoblach ann an Uibhist a Tuath an ath-sheachdain a thomhas a bheil taic anns a' choimhearsnachd airson taigh-seinnse Westford Inn a cheannach. Tha an fheadhainn leis a bheil an taigh-seinnse airson a reic. Chaidh buidheann a stèidheachadh anns an sgìre a dh'fhaicinn an fheuch a cheannach dhan choimhearsnachd.