Rabhadh mu stailc eile aig na puirt-adhair

  • 6 An Giblean 2015
Tèarainteachd phuirt-adhair Image copyright Thinkstock
Image caption Tha an luchd-obrach tèarainteachd mì-thoilichte mu thuarastal agus cùmhnantan-obrach.

Thàinig rabhadh bhon aonadh Prospect gu faodadh luchd-obrach-tèarainteachd aig puirt-adhar na Gàidhealtachd snan Eilean stailc dà latha eile a ghairm a thuilleadh air stailc dà latha a tha a' tòiseachadh Dimàirt.

Dh'fhailich an t-aonadh agus HIAL, a tha a' fastadh an luchd-obrach, a thighinn gu aonta mu phàigheadh agus cùmhnantan obrach an t-seachdainn a chaidh.

Thuirt HIAL gum biodh deich dha na puirt-adhair aca fosgailt agus gur e Dùn Dè an aon fhear a bhiodh dùinte.

Dh'iarr HIAL air luchd-siubhail a bhith aig na puirt-adhair ann an ùine gu leòr agus gun cus bhagannan a thoirt leotha

Tha Prospect a' sireadh àrdachadh pàighidh de 5% dhan luchd-obrach.

Tha iad airson 's gum bi iad air an aon thuarastal 's a tha luchd-obrach Port Adhair Shumburgh ann an Sealtainn, a tha air tuarasdal nas àrda.

Thuirt HIAL nach robh àrdachadh de 5% practaigeach agus gu robh turasadail nas àrda dha thoirt seachad dha luchd-obrach ann an Sealtainn leis gu robh cosgaisean bith-beò agus tuarasdail nas àrda ann an sin san fharsaingeachd.

Tòisichidh an stailc aig meadhan latha Dimàirt agus mairidh i gu meadhan latha Diardaoin.