Sàbhalaidhean mòra air fàire airson Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

  • 3 An Giblean 2015

Chuir Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid plana air adhart air mar a nì iad sàbhalaidhean de £37.5m eadar 2016 agus 2021.

'S e an t-amas £25m dhen sin a shàbhaladh ro 2018.

Às dèidh choinneamh de Chomataidh Stòras is Poileasaidh na comhairle Diardaoin, dh'innis iad gun tèid buidheann thar-phàrtaidh de chomhairlichean is riochdairean aonaidh a stèidheachadh gus molaidhean a chur adhart air far an gabh sàbhalaidhean a dhèanamh.

Thèid na molaidhean aca a thilleadh dhan chomataidh san Damhair agus an uair sin dhan làn-chomhairle.

Às dèidh sin, bidh co-chomhairleachadh poblach ann.