Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceinia

Tha oileanaich agus luchd-teagaisg am bruid aig fir ghunna a thug ionnsaigh air oilthigh ann an ceann a tuath Cheinia. Chaidh dithis ghàrd a mharbhadh, agus tha mu 30 duine de na h-oileanaich san ospadal an dèidh na h-ionnsaigh ann am baile Garissa, faisg air a' chrìch ri Somàilia - sgìre air a bheil ceannaircich Ioslamach al Shabab tric a' toirt ionnsaigh.

Deasbad nan Ceannardan

Thèid Dàibhidh Camshron agus Ed Miliband an aghaidh a chèile a-nochd ann an deasbad airson an aon turais a-mhàin ann an iomairt an taghaidh choitchinn seo. Tha na Libearalaich Dheamocratach, an SNP, Plaid Cymru, UKIP, agus am Pàrtaidh Uaine cuideachd a' gabhail pàirt san deasbad, a bhios beò air an telebhisean.

Roseanna Choinneagan

Thàinig e am follais gun do bhris Rùnaire na h-Obrach, nan Sgilean agus an Trèanaidh ann an Riaghaltas na h-Alba, Roseanna Choinneagan, riaghailt phàrlamaid na h-Alba mu a bhith a' clàradh earrainnean a bhuineadh dhi. Ach thuirt Comataidh Inbhe Holyrood nach tèid peanas oirre, oir nach toireadh luach nan earrainnean, aig £50, buaidh air a cuid obrach anns a' Phàrlamaid.

Tràlair Ruiseannach

Tha obair theasairginn mhòr a' dol air adhart anns a' Chuan Shèimh far an deach tràlair mòr Ruiseannach fodha. Chaill 54 air a' char as lugha am beatha. Chaidh còrr is 60 eile den chriutha a thogail às an uisge, ach tha mòran dhiubh gu math ìosal agus air an lathadh leis an fhuachd. Chan eil cinnt ann dè bu choireach, ach tha aithrisean ann gun do bhuail an tràlair ann an cnapan mòra deighe anns an uisge faisg air Kamchatka air costa an ear na Ruis.

Kyle Knox

Chuir droch aimsir maill airson ùine air rannsachadh airson fear a th' air chall air Beinn Nibheis. Tha trì làithean ann bho dh'fhàg Kyle Knox, a tha 23 bliadhna de dh'aois, agus a bhuineas do Lunnainn, an taigh-aoidheachd san robh e a' fuireach sa Ghearasdan. Thuirt Poilis gun tòisich an làn-rannsachadh a-rithist nuair a thogas an aimsir air a' bheinn.

HIAL

Tha là eile de chòmhradh ann an-diugh eadar HIAL - a' chompanaidh a tha a' ruith phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean - agus an t-aonadh Prospect. Tha luchd-obrach tèarainteachd aig na puirt-adhair am beachd a dhol air stailc airson dà là an ath-sheachdain, agus iad ag iarraidh pàigheadh agus cùmhnantan-obrach nas fheàrr.

Sgeama Taic nan Taighean-Croite

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba ag iarraidh air an Riaghaltas an taic-airgid airson taigh-croite a thogail a chur suas gu £75,000. 'S e £28,000 a tha Riaghltas na h-Alba a' moladh. Tha dùil ri co-dhùnadh an Riaghaltais a dh'aithghearr, agus an co-chomhairleachadh air a' chùis a-niste seachad.

Ionad Spòrs Inbhir Nis

Bidh amar-snàimh agus ionad spòrs Inbhir Nis dùinte air saor-làithean na Càisge agus dragh ann mu mhulach an togalaich. Thuirt Inverness Leisure - a' bhuidheann dham buin an t-ionad - gun deach innse dhaibh gur dòcha nach biodh uinneag ann am mulach an togalaich sàbhailte ann an gaoith mhòir.