Còmhraidhean le HIAL

  • 1 An Giblean 2015
Tèarainteachd aig port-adhair Image copyright Thinkstock
Image caption Tha an t-eus-aonta a' buntainn ri luchd-obrach tèarainteachd

Tha dùil gun cùm Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) còmhraidhean le ceannardan aonaidh is eus-aonta ann mu phàigheadh.

Bhòt buill de Phospect aig AMSL, companaidh a tha mar phàirt de HIAL, airson a dhol air stailc bho mheadhan-là air an 7mh den Ghiblean.

Thuirt an t-aonadh gur e pàigheadh agus cumhaidhean nas fheàrr a tha an luchd-obrach ag iarraidh.

Thuirt HIAL gum bi an 11 phort-adhair aca air an ruith mar as àbhaist ma thèid an stailc air adhart.

Tha HIAL, a bhuineas do Riaghaltas na h-Alba, a' ruith phort-adhair ann an Innse Gall, Arcaibh is Sealtainn, Earra-Ghàidheal, Inbhir Ùige agus Dùn Dè.

Tha Prospect ag iarraidh àrdachadh pàighidh de 5%, na h-aon chumhaidhean ri HIAL, agus co-ionnanachd le luchd-obrach Sumburgh ann an Sealtainn, a tha a' cosnadh barrachd.

Thuirt HIAL gu bheil cosgaisean nas motha air daoine anns na h-eileanan agus gu bheil gnìomhachas na h-ola air tuarasdail a chur an àirde ann an Sealtainn.

Bha HIAL ag ràdh nach eil e reusanta àrdachadh de 5% iarraidh.