Na mìltean chraobhan gan leagail taobh an A82

  • 1 An Giblean 2015
Rocks on A82 near Invermoriston Image copyright Forestry Commission Scotland
Image caption Thuit dà chreig mhòr, agus sprùilleach eile, air an A82 air a' mhìos a chaidh.

Thòisich Coimisean na Coilltearachd obair gus na mìltean de chraobhan a tha ri taobh an A82 a leagail, gus dìon a chur air an rathad.

Thathas den bheachd gur e seann chraobh dharaich a thuit air càrn a dh'adhbharaich dùnadh an rathaid air a' mhìos a chaidh, nuair a chaidh a bhacadh le creagan mòra.

Bha an rathad dùinte eadar Inbhir Moireasdan agus Druim na Drochaid fad ceithir làithean.

Tha an Coimisean ag ràdh gun cuidich a bhith a' leagail nan craobhan an leithid sin a sheachnadh san àm ri teachd.

Heileacoptair

Ach thuirt iad gun toireadh an obair bliadhnaichean mus biodh e ullamh.

Air a' mhìos a chaidh, thuit dà chreig mhòr air an rathad mu dhà mhìle tuath air Inbhir Moireasadan.

B' fheudar seach-shlighe de 120 mìle a chur air dòigh airson leigeil le dràibhearan fhaighinn seachad air.

Thug Coimisean na Coilltearachd sgioba shònraichte a-steach gus creagan eile a bhathas a' meas cunnartach don rathad a thoirt air falbh.

Thugadh uidheamachd brisidh chreagan chun an lethaid os cionn an rathaid le heileacoptair.

An dèidh dhaibh tuill a dhèanamh sna creagan, steall iad measgachadh ceimigeach a-steach air na creagan as motha, a dh'at, gan sgàineadh, gus an gabhadh na pìosan nas bige gluasad.

Thèid heileacoptair a chleachdadh an lùib na h-obrach gus na craobhan a leagail cuideachd.