Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iomairt an Taghaidh

Thòisich iomairt an taghaidh choitchinn gu foirmeil an-diugh an dèidh dhan Phàrlamaid a dhol ma sgaoil gu h-oifigeil aig meadhan oidhche an-raoir. Thèid am Prìomhaire a choinneachadh ris a' Bhànrighinn tràth feasgar mus tèid e an sàs ann an iomairt an taghaidh a thig gu ceann air an 7mh là den Chèiteann.

Manifesto nan Uaineach

Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba a' foillseachadh am manifesto an-diugh agus 31 thagraiche aca air feadh Alba. Tha iad a' gealltainn poileasaidh an aghaidh bochdainn, dìon air seirbheisean poblach, agus tuilleadh chumhachdan do dh'Alba agus dha na coimhearsnachdan.

Oilthigh Obar Dheathain

Thèid mu 150 cosnadh a chall aig Oilthigh Obar Dheathain a tha a' feuchainn ri airgead a chùmhnadh. Tha an oilthigh a' tabhann aonta eadar luchd-obrach a tha deònach falbh gu saor-thoileach, air neo an dreuchd fhàgail tràth.

Ioran

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Philip Hammond, gu bheil e an dòchas gun tèid aonta a dhèanamh mu phrògram niuclasach Ioran. Tha esan am measg cheannardan à còig dùthchannan eile a tha a' coinneachadh ri riochdairean Ioran anns an Eilbheis an-diugh.

Stailc

Thuirt Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu bheil iad gu math cinnteach gun tèid aca air seirbheisean a chumail a' dol ged a bhitheadh luchd-obrach tèarainteachd air stailc an ath-sheachdain. Tha an t-aonadh Prospect am beachd a dhol air stailc airson dà là, a' tòiseachadh seachdain bho a-màireach, a bheireadh buaidh air 11 de na puirt-adhair. Tha Inbhir Nis, Steòrnabhagh, Beinn nam Fadhla, Barraigh, Tiriodh agus Ìle nam measg.

Caidheagan

Dh'iarr na Maoir-chladaich air feadhainn a bhios a' dol gu muir ann an caidheag a bhith cinnteach gu bheil iad air ullachadh ceart. B' fheudar dha na seirbheisean èiginn cobhair a dhèanamh an-raoir air dithis dhaoine an dèidh dha na caidheagan aca car a chur eadar Ratharsair agus an t-Eilean Sgitheanach.