"Dleastanas" ùr mu fhoghlam Ghàidhlig

  • 26 Am Màrt 2015
Clas-sgoile
Image caption Tha an Riaghaltas ag aideachadh nach eil am Bile a' stèidheachadh còir do phàrant sam bith air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil dleastanas ùr a chur air ùghdarrasan ionadail air feadh Alba a thaobh mar a dhèiligeas iad ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Stèidhichidh Bile ùr an Fhoghlaim, a dh'fhoillsich iad an t-seachdain seo, pròiseas tro am feum comhairlean a dhol ma gheibh iad iarrtas airson aonadan Gàidhlig a chur air chois.

Cuiridh am Bile cuideachd dleastanas air Bòrd na Gàidhlig stiùireadh oifigeil a dheasachadh agus fhoillseachadh air fòghlam Gàidhlig, agus chuireadh e dleastanas air ùghdarrasan ionadail foghlam Gàidhlig a shanasachd agus a bhrosnachadh anns an sgìre aca.

Ach tha cuid de luchd-iomairt ag ràdh gur e briseadh dùil a th' anns a' Bhile, oir nach eil e ag ràdh gum feum comhairlean aonadan Gàidhlig a stèidheachadh ma tha iarrtas ann - dìreach gum feum iad èisteachd a thoirt dhan iarrtas.

Èisteachd air a' char as lugha

Tha e air fhàgail an urra ri comhairlean fhèin a bheil iad a' dol a choileanadh an iarrtais sin, ged a tha am Bile ag ràdh gum feum comhairlean a' Ghàidhlig a bhrosnachadh.

Tha an Riaghaltas ag aideachadh nach eil am Bile a' stèidheachadh còir do phàrant sam bith air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Ach tha iad ag ràdh gur e rùn a' Bhile gun stèidhich comhairlean aonadan Gàidhlig far a bheil iarrtas reusanta ann.

A' freagairt chasaidean nach cuir an lagh ùr dleastanas laghail air comhairle aonad a stèidheachadh ma tha iad fhèin a' smaoineachadh nach bu chòir dhaibh, thuirt Ministear an Fhoghlaim, Alasdair Allan, gun dèan am Bile cinnteach gum faigh pàrantan èisteachd, air a' char as lugha.

"Tha mise a' coimhead air ais ri suidheachaidhean far nach robh comhairlean agus pàrantan a' bruidhinn ri chèile agus far nach robh siostam ann airson na beachdan a tha aig pàrantan a thoirt seachad, 's bithidh an siostam sin ann a-nis.

"Tron t-siostam seo, bidh fhios againn cò tha ag iarraidh aonad Gàidhlig, bidh fianais ann," thuirt an Dr Allan.

Fon lagh ùr, 's e pàrant aon leanaibh sònraichte, fo aois sgoile, a chuireadh iarrtas gu comhairle, 's dh'fheumadh iad fianais a thoirt seachad gun robh clann eile anns an sgìre, den aon aois, ga iarraidh cuideachd.

Far an tèid a dhearbhadh gu bheil còignear chloinne no barrachd ann an coimhearsnachd shònraichte ag iarraidh a dhol gu foghlam tro mheadhan na Gàidlig anns an aon bhliadhna, dh'fheumadh a' Chomhairle làn-sgrùdadh a dhèanamh air an iarrtas.

Feumaidh comhairlean co-dhùnadh a bheil no nach eil iad a' dol a thoirt foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig seachad, agus adhbharan a' cho-dhùnaidh fhoillseachadh ann an aithisg phoblaich taobh a-staigh deich seachdainnean.