16 a' call cosnaidh aig Àranais

  • 26 Am Màrt 2015
Gàradh Àranais
Image caption Tha 23 duine fhathast ag obair aig a' ghàradh, ach thàinig an cùmhnant mu dheireadh a bh' ann gu crìch.

Tha 16 duine air an obair a chall aig Gàradh Àranais ann an Steòrnabhagh.

Tha e air a bhith soilleir bho chionn seachdainnean gu bheil cùisean a' coimhead cugalach aig a' ghàradh ri linn mar a tha gnìomhachas na h-ola air crìonadh.

Chan eil dùil gun tig piseach air gnothaichean san aithghearrachd, a' fàgail ceist cuideachd mu choinneimh an 23 duine a tha air fhàgail.

Tha an cùmhnant mu dheireadh a bh' aig a' chompanaidh a tha a' ruith a' ghàraidh, BiFab, air tighinn gu crìch, 's chan eil an còrr san amharc.

Bho chionn bliadhna bha 100 de luchd-obrach a' faighinn cosnaidh aig a' ghàradh.

Tha còmhraidhean a' leantainn eadar BiFab agus aonadh an GMB, feuch dè ghabhas dèanamh.