Sgoil ùr Uibhist a Tuath gus tòiseachadh

  • 25 Am Màrt 2015
Sgoil ùr Uibhist a Tuath
Image caption Tha dùil gum fosgail an sgoil ùr san Lùnastal 2016.

Chaidh a dhearbhadh gun tòisich obair an ath-mhìos air sgoil ùr a thogail do dh'Uibhist a Tuath.

Chaidh dàil air a' phròiseact ron a seo, ach chaidh cùmhnant a thoirt gu h-oifigeil dhan chompanaidh Willmott Dixon Dimàirt, ann an co-bhann le Robertson Construction.

Tha dùil gum fosgail an sgoil, ann am Paibeil, anns an t-Samhradh an ath-bhliadhna.

Thèid sgoiltean Chàirinis, Paibeil agus Loch nam Madadh a dhùnadh.

"Tha dùil againn gum bi a h-uile dad na àite Diluain seo tighinn, agus gum faighear air gluasad air adhart leis an sgoil a thogail beagan sheachdainnean às dèidh sin," thuirt Comhairliche Uibhist a Tuath, Uisdean Robasdan.

Tha dùil gum fosgail an sgoil ùr san Lùnastal 2016.