Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

23 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Miliband

Thuirt Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, a-rithist nach bi co-bhanntachd ann ris an SNP an dèidh an taghaidh choitchinn. Thuirt e aig coinneimh ann am Bruach Chluaidh gun toireadh Riaghaltas Làbarach tuilleadh chumhachdan do dh'Alba mar a chaidh gealltain an deidh an referendum. Agus chàin e Ailig Salmond son a bhith ag ràdh gum biodh smachd aig an SNP air na Làbaraich mura biodh mòr-chuid aig Riaghaltas Làbarach an deidh an taghaidh sa Chèitean.

Referendum

Tha comataidh de bhuill pàrlamaid ann an Westminster a' càineadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba son cion cothromachd anns an iomairt ron referendum. Tha a' Chomataidh Thaghte son Rianachd Phoblach ag ràdh a-nis gu feum comhairle agus stiùireadh às ùr a thoirt do sheirbheisich chatharra.

Raidigeachd

Tha Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, a' foillseachadh mholaidhean son dèiligeadh ri raidigeachd Islamach. A measg sin bhiodh smachd air clèirich a tha a' teagasg gràin agus foirneart agus ath-sgrùdadh air cùirtean Sharia. Tha Theresa May ag ràdh nach robh riaghaltasan ron seo deònach an aghaidh a thoirt air feadhainn a tha a' diùltadh laghan agus modhan Breatannach.

Tagraiche Tòraidheach

Thuirt Àrd Thòraidh gu bheil a h-uile coltas gun caill an tagraiche pàrlamaid ann an Dudley bho thuath, Afzal Amin, a dhreuchd agus e fo amharas gun do dh'fheuch e ri cuilbheart a dhèanamh le Lìog Dìon Shasainn, an EDL. Thuirt Mgr Amin gun deach cus a dhèanamh dhan na coinneamhan a bha aige leis an EDL agus nach do rinn esan dad ceàrr.

Bàs

Tha triùir fo chasaid mu bhàs duine ann an Dùn Pharlain. Chaochail Arif Mahmood, a bha 26, an dèidh tachartais sa bhaile tràth anns a' mhadainn an-dè. Thèid dithis fhear, a tha 25 agus 29, agus boireannach a tha 23, mu choinneimh na cùirt ann an Dùn Pharlain an-diugh fo chasaid gun do rinn iad ionnsaigh.

Caibeanat

Tha Caibeanat Riaghaltas na h-Alba ann an Inbhir Nis an-diugh. Tha ministearan a' tadhal air gnìomachasan agus buidhnean eile anns a' bhaile. Thèid beachd dhaoine òg iarraidh air foghlam agus bidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, os cionn cheistean poblach a-nochd.