Bòrd Slàinte ag iarraidh maitheanais

  • 19 Am Màrt 2015
Ospadal nan Eilean
Image caption Fhuair am boireannach a-mach, còig mìosan às dèidh na h-obair-lannsa, nach robh an obair ris an robh dùil aice air a dèanamh gu h-iomlan.

Dh'iarr Bord Slàinte nan Eilean Siar maitheanas gu poblach airson mar a dh'fhulaing boireanach ri linn obair-lannsa.

Chaidh am boireannach dhan ospadal airson obair-lannsa airson a machlaig agus chaidh na h-uigheagan a thoirt aiste.

Às dèidh na obair-lannsa, chaidh innse dhi gu deach aon ughag a thoirt air falbh is pàirt den tè eile.

Còig mìosan às dèidh làimh is i a' gearain air cràdh, fhuair an t-euslainteach a-mach nach deach an obair-lannsa ris an robh dùil aice a dhèanamh gu h-iomlan.

Thuirt an Ombudsman gun robh fàiligidhean bunaideach ro, agus às dèidh na h-obair-lannsa.