Aiseag làitheil ga iarraidh do Loch Baghasdail

  • 18 Am Màrt 2015
Baile Loch Baghasdail
Image caption Dh'iarradh a' bhuidheann ùr aiseag làitheil eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

Tha buidheann ùr ann an Uibhist a Deas ag iarraidh aiseag a h-uile là den t-seachdain eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

Chaidh Buidheann Luchd-cleachdaidh Aiseagan Loch Baghasdail a stèidheachadh ann an Dalabrog Oidhche Mhàirt.

Tha iad cuideachd an dùil fianais a chruinneachadh air a' chron a tha eaconamaidh na sgìre a' fulaing le aiseagan a tha làn, agus nuair a tha droch shìde a' cur maill air seirbheisean aiseig.

Thòisich an t-seirbheis seo mar phìleat a' bhòn-uiridh.

Tha còir aig dà sheòladh a bhith ann Disathairne agus Dimàirt gach seachdain tron Gheamhradh, ach tha mòran sheirbheisean air a bhith air an cur dheth.

Thàinig e am bàrr anns a' Ghearran nach do sheòl an aiseag eadar Loch Baghasdail agus Malaig ach ceithir tursan a-mach às gach deich bho thoisich an t-seirbheis a-rithist air a' Gheamhradh seo.

Tha Aonghas MacIlleMhaoil, a tha na bhall den bhuidhinn, ag ràdh gu bheil buidhnean ann an Uibhist deònach an fhianais a chruinneachadh.

"Tha buidhnean ann, gu h-ionadail ann an seo againn, mar a tha Stòras Uibhist, Third Sector 's daoine mar sin, a tha deònach sin a dhèanamh," thuirt e.

"Bheir sinne cuideachadh dhaibh. A h-uile cuideachadh a tha iad ag iarraidh.

"Ach chì sinn cuideachd, tha a' Chomhairle, tha HITRANS, tha de bhuidhnean cha-mhòr nach chanadh tu a' faighinn anns an rathad air na gnothaichean a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh.

"'S e an rud a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh, 's e beachd fhaighinn gum feum aiseag ruith eadar Loch Baghasdail agus Malaig a h-uile là den t-seachdain, a' falbh agus a' tilleadh.

"Sin an aon rud a tha ri fhaighinn a-mach à seo."