Crainn-ghaoithe an Rubha gan cur an-àirde

  • 18 Am Màrt 2015
Crann-gaoithe
Image caption Thèid earrainn den phrothaid bhon tuath-ghaoithe a sgaoileadh a-mach anns a' choimhearsnachd.

Tha a' chiad chrann-gaoithe san sgeama chumhachd ath-nuadhachail coimhearsnachd as motha ann am Breatainn a-nise na àite.

Chaidh na sgiathan a chur air a' chiad chrann de thrì a bhios aig a' chompanaidh Point and Sandwick Power, an iar air Steòrnabhagh.

"Tha e a' faireachdainn math, mu dheireadh thall, gu bheil a' chiad fhear aca gu bhith deiseil. Dhà eile ri dhol," thuirt Stiùiriche na companidh, Dòmhnall Iain MacSuain.

"Thug sinn ùine mhòr a' faighinn dhan ìre a tha seo. Deich bliadhna," thuirt e.

Tha droch shìde bho thoiseach na bliadhna air an obair togail a chumail air ais gu mòr.

"Ma tha a' ghaoth barrachd air 20 m.s.u. chan fhaigh iad air obrachadh, agus tha i air a bhith nas motha na sin cha-mhòr a h-uile seachdain bho bha a' bhliadhna ùr ann," thuirt e.

"Ach an t-seachdain seo, tha seachdain mhath againn, agus tha sinn an dòchas gun tig piseach mòr an t-seachdain seo agus sa chola-deug a tha romhainn.

"Tha sinn an dòchas gum bi an fheadhainn mu dheireadh deiseil deireadh na mìos seo, no toiseach na h-ath-mhìos.

"Agus an uair sin bidh againn ris an dealan a chur a-steach dhan Ghriod.

"Tha sinn an dòchas gun tachair sin can ann am mìos no dhà eile. Agus an uair sin, nuair a thòisicheas iad a' tionndadh, bidh iad a' cosnadh airgid dhuinn.

"Agus bidh sinn aig ìre, tha sinn an dòchas, ro dheireadh na bliadhna, far am bi sinn a' sgaoileadh a-mach pàirt den phrothaid a tha sin anns a' choimhearsnachd.

"Airson a' chiad uair riamh ann an eachdraidh nan Eileanan, bidh sinn a' cosnadh airgid anns na h-Eileanan, dha na h-Eileanan, agus 's e rud fìor mhath a tha sin.

"Chan ann a dh'àite sam bith eile a tha am prothaid a tha seo a' dol. Chan eil e a' dol gu seòmraichean bùird anns an Fhraing no ann an Aimeireaga. Tha e a' dol dhan Rubha agus Sanndabhaig, 's bidh e air a chaitheamh anns an Rubha agus Sanndabhaig, agus anns na h-Eileanan," thuirt e.