Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Afganastan

Rinn Ceann-suidhe Afganastan luaidh air a' 453 de shaighdearan Breatannach a chaill am beatha anns an dùthaich sin. Thuirt Ashraf Ghani gun do rinn iad an ìobairt as motha do shaorsa ann an Afganastan. Bidh a' Bhàn-righ am measg na bhios aig Cathar-eaglais an Naoimh Pòl ann an Lunnainn an-diugh, aig seirbheis a' comharrachadh deireadh a' chogaidh.

Cìsean Adhair

Tha dragh ann gum fulaing puirt-adhair ann an ceann a tuath Shasainn aon uair 's gum faigh Pàrlamaid na h-Alba smachd air a' chìs adhair APD. Tha làn-dùil gun geàrr Pàrlamaid na h-Alba a' chìs sin, agus tha Comataidh Thaghte Còmhdhail Westminster ag ràdh gun dèan sin cron mòr air na puirt-adhair ann an ceann a tuath Shasainn a tha a' strì mar thà ri droch bhuaidh na cìse sin.

Dotairean Teaghlaich

Tha Comann Meidigeach Bhreatainn ag ràdh gu bheil èiginn ann an Alba le dìth dhotairean teaghlaich. Thuirt meur a' Chomainn ann an Alba gu bheil aon ionad GP anns gach còig gann de co-dhiù aon dotair. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil barrachd dhotairean teaghlaich an Alba a rèir àireamh an t-sluaigh na th' ann an Sasainn.

Port Rìgh

Bha mu 300 duine aig coinneimh phoblaich ann am Port Rìgh an-raoir 's iad mì-thoilichte mun atharrachadh a tha NHS na Gàidhealtachd a' toirt air seirbheisean slàinte ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Tha dragh orra gur e nas lugha sheirbheisean a bhios aig Ospadal Phort Rìgh le moladh airson prìomh ospadal na sgìre a stèidheachadh anns an Ath Leathann.

Julian Assange

Thuirt luchd-casaid anns na t-Suain gu bheil iad deònach Julian Assange a cheasnachadh ann an Lunnainn. Tha Assange, an duine a chuir an làrach-lìn Wikileaks air bhonn, air a bhith a' gabhail comraich airson trì bliadhna ann an Ambasaid Ecuador ann an Lunnainn, 's e fo chasaid anns an t-Suain gun tug e ionnsaighean drabasta air boireannaich anns an dùthaich sin.

SSE

Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd coinneamh leis a' chompanaidh SSE agus dragh orra mu cho tric 's a bha an dealan dheth air a' Gheamhradh seo. Tha comhairlichean den bheachd gu bheil slàinte dhaoine agus an eaconamaidh a' fulang. Tha iad cuideachd ag iarraidh air SSE sgrùdadh a dhèanamh air am b' fhiach na càbalan dealain a chur fon talamh.