Seirbheisean adhair ùra do Thiriodh

  • 12 Am Màrt 2015

Tòisichidh seirbheisean adhair ùra eadar Glaschu agus Tiriodh air an t-Samhradh an dèidh do chomhairle choimhearsnachd an eilein cuideam a chur air Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gun tòisich na seirbheisean ùra air a' chiad là den Iuchar.

Bha dragh ann gun robh an t-iarrtas ro mhòr airson na seirbheis a bh' ann.

Chuir Dòmhnall Caimbeul bho Chomhairle Choimhearsnachd Thiriodh fàilte air an naidheachd is e a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

Bha e ag ràdh gur e an leasachadh as motha ann an Tiriodh airson 20 bliadhna.

Thuirt e: "Bidh dà thuras gach taobh à Glaschu ann a h-uile là tron t-seachdain agus nì sin gnothaichean tòrr nas fhasa agus fosglaidh e an doras do thòrr leasachaidhean eile."