Campas sgoile ùr do Bhaile Dhùbhthaich

  • 12 Am Màrt 2015
Bun-sgoil Chnoc na Creige Image copyright J Thomas/Geograph
Image caption Tha Bun-sgoil Chnoc na Creige, far a bheil aonad Gàidhlig a' bhaile, am measg nan sgoiltean a thèid a dhùnadh.

Tha Comhairlichean air Ghàidhealtachd air cead a thoirt do phlanaichean gus campas sgoile ùr a chosgas £44m a thogail ann am Baile Dhùbhthaich, Ros an Ear.

Thèid foghlam ro-sgoile agus sgoile a thoirt do chloinn eadar trì bliadhna de dh'aois agus 18, ann an togalaichean ùra air làrach Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhùbhthaich.

Thèid Bun-sgoil a' Chnuic Bhric, Bun-sgoil Chnoc na Creige, agus Sgoil Speisealta an Naoimh Dhùbhthaich, a dhùnadh aon uair 's gum bi an campas ùr deiseil.

Nochd co-chomhairleachadh poblach mu na planaichean na h-uimhir de dhraghan mu chlann den a h-uile aois a bhith còmhla air an aon làraich.

Thèid innse do Riaghaltas na h-Alba mun cho-dhùnadh.

Tha roghainn aig an Riaghaltas na planaichean a ghairm a-steach airson ath-bheachdachadh ma tha iad a' meas gu bheil feum air sin.