Taghadh Chupa na Camanachd

  • 9 Am Màrt 2015
Cupa na Camanachd Image copyright SNS

Tha fios cò bhios a' cluich a chèile anns na cuairtean tràth de Chupa na Camanachd am-bliadhna às dèidh an taghaidh ann an Inbhir Nis Diluain.

'S ann an Earra-Ghàidheal a bhios a' chuairt dheireannach am-bliadhna le dùil air dearbhadh air dè dìreach a' phàirc a bhios ann an ceartuair.

Tha an taghadh mar a leanas;

Ro-chuairt - Disathairne an 18mh den Ghiblean

Cabair Fèidh - Gleann Urchaidh

Taigh an Uillt - An t-Eilean Sgitheanach

A' Mhanachainn - Cill Mhàillidh

A' Chiad Chuairt - Disathairne an 9mh den Chèitean

Ceilteach an Òbain - Taigh an Uillt / An t-Eilean Sgitheanach

Obar Dobhair - Cabair Fèidh / Gleann Urchaidh

Baile a' Chaolais - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

Inbhir Nis - Cille Mhoire

Srath Chura - Eilean Bhòid

A' Mhanachainn / Cill Mhàillidh - Srath Ghlais

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile