Gleann Urchadain is Lòbhat
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Gleann 'son èirigh às an sloc

6 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Gleann Urchadain am measg na tha air bhioran mu sheusan ùr na h-iomain is iad airson cur na thachair dhaibh an-uiridh air an cùlaibh.

Ràining an Gleann dà chuairt dheireannach an 2014 ach chaidh am pronnadh sa dhà dhuibh.

Chuir Loch Abar fàilte air an naidheachd gum bi deich sgiobaidhean anns a' Phrìomh Lìog am-bliadhna agus 's beag an t-ioghnadh oir thug e cothrom eile dhaibh fuireach aig àrd ire às dèidh dhaibh crìochnachadh aig bonn na lìog an-uiridh.

Chaidh Dòmhnall MacLaomainn a bhruidhinn ris an dà sgioba.