Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Deasbadan Taghaidh

Thuirt Dàibhidh Camshron nach gabh esan pàirt ach ann an aon deasbad telebhisein ron taghadh choitcheann, 's tha Sràid Downing ag ràdh gum feum seachdnar cheannardan pàrtaidh a bhith san deasbad a tha sin, agus an SNP nam measg. Tha na Làbaraich a' fàgail air a' Phrìomhaire gu bheil an t-eagal air a dhol an sàs ann an deasbad ri Ed Miliband.

Sgeama a' Chonnaidh

Gheibh mìltean a bharrachd dhràibhearan air Tìr Mòr na Gàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal còig sgillinn far prìs liotair a' chonnaidh bho dheireadh a' Chèiteinn. Fhuair Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead an Aonaidh Eòrpaich airson leudachadh air an sgeama a th' aca mar thà sna sgìrean eileanach.

Buidseatan nan Comhairlean

Tha Coimisean nan Cunntasan ag ràdh gum bi e nas doirbhe na bha riamh do chomhairlean na h-Alba am buidseatan a chothromachadh. Tha aithisg bhliadhnail a' Choimisein ag ràdh gun robh luach an airgid a fhuair na h-ùghdarrasan ionadail an-uiridh nas lugha na luach an airgid a fhuair iad ann an 2011.

Banca Shasainn

Tha Oifis na Foille a' rannsachadh Bhanca Shasainn, agus amharas ann gun robh am banca a' gabhail gnothaich gu mì-laghail ri margaidhean an airgid eadar 2007 's 2008 nuair a bha èiginn an ionmhais ann. Tha an rannsachadh stèidhichte air aithrisean gun robh Banca Shasainn a' cur airgid an sàs ann am bancaichean eile airson an cumail a' dol.

Sochairean Cloinne

Tha na Tòraidhean a' beachdachadh air tuilleadh chasg air sochairean cloinne. Tha oifigich a' coimhead air am bu chòir an taic-airgid a chuingealachadh dhan chiad triùir chloinne ann an teaghlach. Cha bhiodh Pàrlamaid na h-Alba a' faighinn smachd air sochairean cloinne fo mholaidhean Mhic a' Ghobhainn.

Foghlam Gàidhlig

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gur e an amas a h-uile clas ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhith a' faighinn an teagaisg sa Ghàidhlig, ach nach e obair bliadhna no dhà a tha sin. Thàinig beachd a' Bhùird an dèidh do Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu innse gu bheil naoinear thidsear a dhìth orrasan anns an àrd-sgoil a-mhàin. Thuirt Leasaiche Foghlaim agus Ionnsachaidh a' Bhùird, Màiri NicIlleMhaoil, gu bheil trioblaid aig siostam foghlaim na h-Alba san fharsainneachd a' fastadh thidsearan, agus gu bheil sin nas doirbhe buileach ann an siostam foghlaim na Gàidhlig.