Crìonadh am meadhan Inbhir Nis?

  • 4 Am Màrt 2015
Meadhan Inbhir Nis Image copyright UNDISCOVERED SCOTLAND
Image caption Tha meadhan Inbhir Nis a' strì ri farpais bho phàircean-gnìomhachais air iomall a' bhaile.

Nochd dragh gum fulaing gnìomhachasan ann am meadhan baile Inbhir Nis nuair a thig àrdachadh air cìsean parcaidh.

Thèid na prìsean ann am Pàirce-chàraichean Sràid an Ròsaich a chur suas aig toiseach na h-ath-mhìos.

Chaidh gabhail ris na h-àrdachaidhean mar phàirt de dh'oidhirpean Chomhairle na Gàidhealtachd na leabhraichean aca a chothromachadh.

"Buile bàis"

Tha fear de chomhairlichean mheadhan a' bhaile, Donaidh MacIlleChiar, ag ràdh gum faodadh seo a bhith na bhuile bàis do cuid de bhùithdean ann am meadhan a' bhaile.

Tha dragh air-san gum bi daoine a tha a' fuireach taobh a-muigh Inbhir Nis a' roghnachadh a dhol gu pàircean-gnìomhachais air iomall a' bhaile far nach eil cìsean parcaidh ann, agus gun seachainn iad meadhan a' bhaile uile gu lèir.

"Tha na h-uimhir de bhùithdean air a bhith a' laighe falamh fad ùine mhòir anns an t-seann bhaile - agus gu leòr eile a' strì ri beò-shlaint a dhèanamh - agus dh'fhaodadh uallach sam bith eile a bhith na bhuile bàis do chuid de ghnìomhachasan beaga," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile