Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fiosrachadh Pearsanta

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar air plana connspaideach Riaghaltas na h-Alba airson fiosrachadh pearsanta a chleachdadh mu shluagh na dùthcha. Tha an Riaghaltas ag ràdh gun gabhadh an clàr a chleachdadh air iomadh adhbhar feumail, agus iad ag ràdh nach e stòr-dàta ùr a bhiodh ann. Tha na Libearalaich Dheamocratach a' moladh làn-rannsachadh pàrlamaideach air a' chùis.

Ùghdarrasan Ionadail

Tha dùil ri dearbhadh bho Chomhairle Baile Obar Dheathain an-diugh gu bheil iad a' fàgail Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail, (COSLA). Tha eas-aonta eadar COSLA agus feadhainn de na h-ùghdarrasan ionadail, agus tha Comhairle Baile Obar Dheathain, a tha fo stiùir Làbarach, am beachd buidheann ùr a stèidheachadh còmhla ri trì comhairlean Làbarach eile.

An Ugràin

Tha aithrisean ann gun deach aon duine a mharbhadh, agus gu bheil còrr is 30 duine glacte fon talamh an dèidh spreadhaidh ann am mèinn ghuail air taobh sear na h-Ugràin. Thachair an spreadhadh faisg air baile Donetsk a tha fo smachd nan Reubaltach a tha a' taobhadh ris an Ruis. Ach thuirt oifigich nach robh gnothach aig an t-sabaid anns an sgìre sin ris an spreadhadh.

Eurostar

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gun d' fhuair an Riaghaltas deagh bhargan do luchd-pàighidh nan cìsean nuair a reic iad na h-earrainnean ann an Eurostar - a' chompanaidh a tha a' ruith nan trèanaichean dhan Roinn Eòrpa tro Thunail a' Chaolais Shasannaich. Tha companaidh peinnein à Canada agus companaidh ionmhais Bhreatannach a' pàigheadh £585m air na h-earrainnean.

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Tha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' coimhead airson naoinear thidsearan ùra airson na h-àrd-sgoile. Tha na dreuchdan sin ann am Beurla, bith-eòlas, Fraingis, creideamh agus dràma, a bharrachd air ceannard litearais, agus prìomh thidsear chùraim. Thuirt Ceannard na sgoile, Donalda McComb, gu bheil duilgheadas air a bhith aca ron a seo a' faighinn thidsearan airson feadhainn de na cuspairean sin.

Àrd-Sgoil Lìonail

Tha Comhairliche ùr an Taobh Siar agus Nis ann an Leòdhas ag ràdh nach eil an iomairt airson Àrd-Sgoil Lìonail a chumail fosgailte seachad fhathast. 'S e an-diugh a là mu dheireadh airson beachdan a chur gu Riaghaltas na h-Alba air a' chùis, 's tha Alasdair MacillInnein ag ràdh gu bheil argamaid làidir ann airson an àrd-sgoil dà bhliadhna a shàbhaladh.