Dàna bliadhna de dh'aois

  • 3 Am Màrt 2015
Dàna
Image caption Nochd am beachd an iris a stèidheachadh nuair a thàinig e am bàrr gun robh an iris aig Clì, Cothrom, a' dol à bith.

Tha an iris Ghàidhlig air-loidhne, Dàna, a' comharrachadh bliadhna bho chaidh a stèidheachadh.

Chaidh an làrach a chur air bhog air 7mh den Mhàrt 2014 le sia artaigilean mu dhiofar chuspairean samhail poileataigs agus spòrs.

Tha 150 pìosan air nochdadh air an làraich thairis air a' bhliadhna a dh'fhalbh, le còrr air 30 sgrìobhadair a' tabhainn obrach.

Nochd am beachd Dàna a thòiseachadh nuair a thàinig e am bàrr gun robh an iris phàipear aig Clì, Cothrom, a' dol à bith.

Snasail

Thuirt Rhona NicDhùghaill, bho sgioba Dhàna, "Bha sinn airson coltas ùr, snasail agus guth neo-fhoirmeil a bhith aig an iris, agus rudeigin a chruthachadh a bhiodh tarraingeach do dhaoine òga - agus daoine nach eil cho òg! - san là an-diugh.

"Chaidh ar brosnachadh le bhith a' coimhead air làrach-lìn na h-iris Gaeilge, NÓS.

"Bha coltas cho tarraingeach air, cho math ri rud sam bith a chitheadh thu ann am Beurla."

'S e iomairt shaor-thoileach a th' ann an Dàna, le sgrìobhadh a' tighinn à iomadh ceàrn agus sgioba bheag de cheathrar ga stiùireadh 's ga dheasachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile