Ath-Leasachadh Chaisteil Inbhir Nis

  • 2 Am Màrt 2015
Caisteal Inbhir Nis Image copyright Thinkstock
Image caption Tha an caisteal air a bhith na thalla agus na phrìosan, mus deach Cùirt an t-Siorraim a stèidheachadh ann.

Thathas a' meas gun cosg e £360,000 Tùr a Tuath Chaisteil Inbhir Nis a leasachadh agus a dhèanamh na àite-amhairc do luchd-turais.

Chaidh an caisteal a thogail anns na 1800an air làraich seann chaistealan agus bha e na thalla, na phrìosan, agus mu dheireadh, tha Cùirt Siorraim Inbhir Nis air a bhith stèidhichte ann

'S ann le Comhairle na Gàidhealtachd a tha an Tùr a Tuath agus 's iad a th' air cùlaibh a' phlana gus àite-amhairc a dhèanamh dheth.

Luchd-tadhail

Tha High Life Highland, a' bhuidheann a tha a' ruith àiteachan chur-seachadan air Ghàidhealtachd, ag ràdh gum faodadh 30,000 duine tadhal air gach bliadhna.

Chomharraich Comhairle na Gàidhealtachd £200,000 airson na pròiseict.

Tha iad an dòchas gun tig £100,000 bho Mhaoin Maith Choitchinn Inbhir Nis agus £60,000 bho iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Bhiodh an còrr den chaisteal air a ruith mar chùirt.