Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Prìs na h-Ola

Tha companaidhean einnsinnìridh na h-Alba ag ràdh gun tug prìs na h-ola a bhith a' tuiteam droch bhuaidh air a' ghnìomhachas. Tha iad ag ràdh nach eil iad a' faighinn faisg uimhir de dh'obair bhon Chuan a Tuath, agus gun tàinig orra cosnaidhean a ghearradh.

An Ugràin

Tha aithisg bho na Dùthchannan Aonaichte a' togail dragh mun sgrios agus call-beatha air taobh sear na h-Ugràin. Tha an aithisg a' tighinn aig an aon àm 's a tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, a' coinneachadh ri Ministear Cèin na Ruis, Sergei Lavrov, ann an Geneva an-diugh. Bidh iad a' bruidhinn air an t-suidheachadh san Ugràin, le dùil gun tèid ceistean a thogail cuideachd mu mharbhadh Boris Nemtsov, a bha a' càineadh riaghaltas a' Chinn-Suidhe Putin.

An Stàit Ioslamach

Thuirt Riaghaltas Iorac gu bheil na feachdan aca an sàs ann an ionnsaigh mhòir airson smachd a ghabhail a-rithist air baile Tikrit air an do rinn an Stàit Ioslamach grèim an-uiridh. Tha mu 36,000 de na feachdan Ioracach air oir a' bhaile a tha mu 80 mìle tuath air Baghdad.

Gearraidhean an Airm

Thuirt Ceannard Airm nan Stàitean Aonaichte gu bheil dragh air mu ghearraidhean ann am buidseat dìon Bhreatainn. Thuirt an Seanalair Raymond Odierno gu bheil teagamh ann mu chomas Bhreatainn air pàirt a ghabhail ann am blàr. Thuirt Ministreachd an Dìon gur ann aig Breatainn a tha an dàrna buidseat dìon as motha ann an Nato, agus am buidseat dìon as motha san Roinn Eòrpa.

Aiseagan

Thuirt Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, gu bheil e ro thràth a bhith a' beachdachadh air dè dh'fhaodadh a bhith ro na seirbheisean aiseig air a' chosta an iar. Tha dragh ann gum faodadh na seirbheisean a dhol chun na roinne prìobhaidich. Thuirt an tagraiche Làbarach anns an taghadh choitcheann sna h-Eileanan, Alasdair Moireasdan, nach eil e ro thràth a bhith a' bruidhinn air cuspair a tha cho cudromach do mhuinntir nan Eilean, agus luchd-obrach nan seirbheisean aiseig.

Loidhne-rèile a' Chosta an Ear

Tha prìomh loidhne-rèile a' chosta an ear eadar Lunnainn agus Alba anns an roinn phrìobhaidich a-rithist an dèidh còig bliadhna fo smachd an Riaghaltais. Tha com-pàirteachas eadar Virgin agus Stagecoach, Virgin Trains East Coast, gu bhith a' ruith nan seirbheisean, agus tha iad a' gealltainn gum bi trèanaichean ùra ann, agus seirbheisean nas fheàrr.