Còmhraidhean mun Lìog Nàiseanta

  • 2 Am Màrt 2015
Caman is ball
Image caption Chan eil ann ach beagan làithean gus an tòisich seusan ùr na h-iomain ach feumar rèiteach mar a dh'obraicheas an Lìog Nàiseanta.

Thig soilleireachadh air na tha an dàn dhan Lìog Nàiseanta ann an iomain an t-seachdain seo is coinneamh fòn gus a bhith ann oidhche Mhàirt eadar na seachd sgiobaidhean san lìog.

Chaidh suidheachadh na lìge a chur bun os cionn an t-seachdain seo chaidh nuair a dh'innis Gleann Urchaidh gum biodh iad a' cluich ann an Lìog Deas 1 an 2015 seach san Lìog Nàiseanta mar a bha dùil.

Thuirt cluba Dail Mhàillidh gu bheil iad air cluicheadairean le eòlas a chall is nach eil an sgioba òg aca comasach air ceann a' mhaide a chumail ri càch aig ìre nàiseanta.

Leis nach robh cluba eile ann aig deas no tuath a bha deònach àite Ghlinn Urchaidh a ghabhail san lìog, cha bhi innte ach seachd sgiobaidhean is feumar a rèiteach ciamar a thèid sin obrachadh.

Dh'fhaodadh na sgiobaidhean cluich an aghaidh a chèile dà thuras mar a bha duil, ged nach fhàgadh sin ach 12 geamaichean lìge dhaibh tron t-seusan.

Tha roghainn eile aca cluich an aghaidh a chèile trì tùrsan gus 18 geamaichean a chruthachadh ged a tha trioblaid le sin is cuid de sgiobaidhean a' faighinn 1 gheama aig an taigh an aghaidh sgioba eile, is 2 air falbh.

Moladh

Thog Donnaidh Màrtainn bho Chamanachd an Eilein Sgitheanaich dragh mun mholadh sin is e a' bruidhinn às dèidh do Ghleann Urchaidh tarraing a-mach.

Chluich na Sgitheanaich an aghaidh nan sgiobaidhean eile trì tursan ann an Lìog Tuath 1 ann an 2013 is tha e coltach nach robh iad den bheachd gun do dh'obraich e.

Dh'fhaodadh an lìog a sgaradh an dà leth ann am meadhan an t-seusain mar a rinnear le Lìog Tuath 3 an-uiridh, rud a dh'fhaodadh eadar 14 is 18 geamaichean a chruthachadh a rèir is mar a rachadh a dhèanamh.

'S e cupa a stèidheachadh dha na seachd sgiobaidhean roghainn eile, is thathas a' tuigsinn gu bheil Comann na Camanachd cuideachd dèonach molaidhean sam bith eile bho na sgiobaidhean fhèin a dheasbad.

Bidh riochdaire bho na seachd sgiobaidhean - A' Mhanachainn, Baile a' Chaolais, Cabar Fèidh, Cille Mhàillidh, Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal, Inbhir Nis agus na Sgitheanaich fhèin - an lùib nan còmhraidhean.

Bidh iad ag amas air aonta a ruighinn cho luath 's a ghabhas agus an seusan ùr a' tòiseachadh Disathairne seo tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile