Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mohammed Emwazi

Thuirt feadhainn a chaill càirdean ris an Stàit Ioslamaich gu bheil iad an-dòchas a-niste gum bi e nas fhasa an duine air a bheil am far-ainm "Jihadi John" a thoirt gu ceartas. Chaidh esan ainmeachadh an-dè mar Mohammed Emwazi, a bhuineas do Lunnainn. B' esan a bh' ann am bhideothan IS a' cur dhaoine gu bàs a bhuineadh do dhùthchannan an taobh siar.

Avijit Roy

Chaidh fear Bangladaiseach-Aimeireaganach a bhiodh a' sgrìobhadh blog an aghaidh radaigeachd chreideimh a mhurt air turas gu ruige Dhaka ann am Bangladais. Bha buidheann Ioslamach air a bhith a' maoidheadh air Avijit Roy, a bha a' fuireach anns an Stàitean Aonaichte, agus iad ag ràdh gun robh a bheachdan a' dèanamh dìmeas air Ioslam.

Cùis Drabastachd

Chuir britheamh anns an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann binn ochd bliadhna sa phrìosan air fear a thug ionnsaigh dhrabasta air gille beag, trì bliadhna de dh'aois, aig cròileagan ann an Loch Abar agus air nighean òg ann an Sruighlea nuair a bha i eadar 13 agus 15 bliadhna de dh'aois. Chaidh Marc MacIllinein, a tha 30 bliadhna de dh'aois, a dhiteadh aig cùirt ron a seo.

Prothaid Lloyds

Rinn Banca Lloyds prothaid, ro chìsean, de £1.8bn an-uiridh. Gheibh feadhainn aig a bheil earrainnean anns a' bhanca riadh orra sin airson a' chiad uair bho rinn luchd-pàighidh nan cìsean cobhair air a' bhanca bho chionn seachd bliadhna.

100 Là

Thuirt Nicola Sturgeon gu bheil i moiteil às na rinn i mar Phrìomh Mhinistear na h-Alba ach gu bheil mòran aice ri dhèanamh fhathast. Tha ceud là ann an-diugh bhon a ghabh i an dreuchd. Thuirt i gu bheil i a' strì airson ceartais shòisealta ach tha pàrtaidhean eile ag ràdh gur e briseadh dùil a tha na cuid obrach gu ruige seo.

Seanadh na Cuimrigh

Thèid tuilleadh chumhachdan a thoirt do Sheanadh na Cuimrigh. Nam measg tha cead bhòtaidh aig 16 bliadhna de dh'aois agus 's dòcha cead cuideachd ainm an t-Seanaidh atharrachadh gu Pàrlamaid na Cuimrigh.

Beàrnaraigh Leòdhais

Bidh coinneamhan ann am Beàrnaraigh Leòdhais a-màireach agus an ath-sheachdain ag innse mun phlana 'son an oighreachd a cheannach do mhuinntir an àite. Sheall rannsachadh gum biodh an oighreachd soirbheachail fo smachd na coimhearsnachd. Thèid pàipearan baileat a-mach aig deireadh na seachdain seo tighinn le dùil ri co-dhùnadh na bhòta sin air an ath-mhìos.