Chùm HIE còmhraidhean mu Àranais

  • 24 An Gearran 2015
Gàradh Àranais
Image caption Buinidh Gàradh Àranais, faisg air Steòrnabhagh, dhan chompanaidh einnsinìreachd BiFab.

Chumadh còmhraidhean mu chosnaidhean a dhion aig Gàradh Àranais ann an Leòdhas leis a' chrìonadh a tha a' tighinn air gniomhachas na h-ola 's a' ghas.

'S ann leis a' chompanaidh BiFab, a tha stèidhichte aig Burntisland ann am Fìobha, a tha Àranais an-dràsta.

Tha an dà chuid Iomart na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) agus Iomart na h-Alba air a bhith a' bruidhinn ris a' chompanaidh.

Tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, air coinneamh iarraidh le Ministear a' Chumhachd, Fearghas Ewing, mu bhith a' dìon nan cosnaidhean anns a' ghàradh.

Gnìomhachas a' Chuain a Tuath

Tha seo a' tighinn agus a' bhuidhean a tha a' riochdachadh chompanaidhean ola 's gas Bhreatainn, Oil and Gas UK, ag ràdh gun robh cùisean na bu mhiosa ann an 2014 na aig àm sam bith ann an 40 bliadhna.

Thuirt iad gun robh prìs ìseal na h-ola a' ciallachadh gun deach £5.3bn a bharrachd a-mach ann an cosgaisean agus in-ionmhas, na thàinig a-steach thuca ann an 2014.

Sin an ìre as àirde de chosg airgid, bho bhathas ag ullachadh airson a' chiad ola às a' Chuan a Tuath anns na 1970an.

Tha sgrùdadh bliadhnail na buidhne a' dèanamh dheth nach tèid uimhir de dh'in-ionmhas a chur an sàs sa ghnìomhachas am-bliadhna.

Ged is ann do ghnìomhachas na h-ola a bha Gàradh Àranais ag obair bho thùs, thathas a-nis a' dèanamh mòran ann cuideachd do phròiseactan ath-nuadhachail.

Ann an 2011, chuir HIE £3m an sàs airson an gàradh a sgeadachadh.