Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ìre na h-Atmhorachd

Thuit an atmhorachd a rèir chlàr an CPI dhan ìre as lugha riamh anns an Fhaoilleach. Bha e aig 0.3% anns an Fhaoilleach, sìos bho 0.5% anns an Dùbhlachd. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gur e prìs na h-ola, agus prìs a' bhìdhe a' tuiteam as motha a thug buaidh air sin.

A' Ghrèig

Thàinig rabhadh bhon t-Seansalair Seòras osborne gum biodh e fìor dhona do dh'eaconamaidh agus siostam ionmhais na h-Eòrpa mura bi aonta ann air iasad agus cobhair dhan Ghrèig. Bha Mgr Osborne am measg mhinistearan ionmhais na h-Eòrpa a tha a' coinneachadh anns a' Bhruiseil. Dhiùlt Riaghaltas ùr na Grèige an-raoir gabhail ris an leudachadh a tha ministearan ionmhais an AE ag iarraidh air sgeama iasaid na dùthcha.

Tubaist Bath

Chaidh dithis dhaoine a chur an grèim co-cheangailte ris an tachartas ann am Bath an t-seachdain seo chaidh anns na deach ceathrar a mharbhadh nuair a chaidh làraidh le bruthaich chas. Bhuail an làraidh ann an dithis an bha a' coiseachd ri taobh an rathaid, agus ann an carbadan eile.

Dealan na h-Alba

Dh'iarr Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gealltanas bho Riaghltas na Rìoghachd Aonaichte mu stòras dealain na h-Alba. Tha seo an dèidh dragh às ùr mu stèisean chumhachd Long Annaid ann am Fìobha. Thàinig rabhadh an-uiridh bho Scottish Power, a tha a' ruith Long Annaid, gu bheil a' chosgais airson ceangal ris a' Ghriod a' ciallachadh gur dòcha gum feum an stèisean dùnadh nas tràithe na bha dùil. Tha còmhraidhean eadar Scottish Power agus an Griod Nàiseanta air sguir gun aonta.

Sgoil an Iochdair

Dh'aontaich Àrd-Oifigear Chomhairle nan Eilean Siar gun coinnich e ri pàrantan Sgoil an Iochdair air a bheil dragh gu bheil àireamh na cloinne an dèidh tuiteam. Tha 57 ann an Sgoil an Iochdair, ach tha 40 eile san sgìre a' dol a Sgoil Bhaile a' Mhanaich. Tha dragh air muinntir an Iochdair gu bheil iad a' fulang leis gu bheil iad stèidhichte letheach-slighe eadar dà sgoil ùr ann am Baile a' Mhanaich agus Dalabrog.

An t-Oll. Cathail Ó Dochartaigh

Chaochail an t-Oll. Cathail Ó Dochartaigh a bha roimhe os cionn Roinn Cheiltis Oilthigh Ghlaschu. B' ann à Doire an Èirinn a Tuath a bha an t-Oll. Ó Dochartaigh, agus bha e na shàr-eòlaiche air cànanachas agus dual-chainntean na Gàidhlig agus na Gaeilge. Bha e roimhe cuideachd a' teagaisg ann an Roinn Cheiltis Oilthigh Obar Dheathain. Leig e dheth a dhreuchd ann an Glaschu ann an 2004.