Riaghladh air iarrtasan dì-chroitearachd

  • 17 An Gearran 2015
Fearann
Image caption Thuirt an Coimisean gun toir am breithneachadh buaidh air co-shealbhaichean croite eile.

Cha tèid Coimisean na Croitearachd air adhart le ath-thagradh ann an Cùirt an t-Seisein mu chùis far an robhar airson pìos talmhainn a thoirt a-mach à croitearachd.

Bha ceist mu iarrtas bho Dhòmhnall agus Ealasaid MacIlleBhrath, leis a bheil talamh croitearachd ann Taobh a Tuath Bhaile a' Chaolais, a bha ag iarraidh an talamh a thoirt a-mach à croitearachd airson deich taighean a thogail air.

Fhuair Coimisean na Croitearachd gun robh an t-iarrtas "neo-chomasach", agus mar sin, nach b' urrainn dhaibh co-dhùnadh a dhèanamh air.

Aig ìre ath-thagraidh, bhreith Cùirt an Fhearainn gun robh an t-iarrtas comasach.

Co-shealbhaichean

Cha deach co-dhùnadh aig an ìre seo a dhèanamh air an iarrtas fhèin, a dh'fheumas an Coimisean a-niste a dheasbad a-rithist.

'S ann mu eadar-dhealachadh a thaobh cò aig a bheil còir iarrtas a dhèanamh ann an suidheachadh far a bheil croit ann an sealbh barrachd is aon duine, a dh'èirich a' chùis.

B' e poileasaidh Choimisein na Croitearachd, bhon Dùbhlachd 2012, gum feumadh iarrtasan dì-chroitearachd, no iarrtasan fo-ghabhaltais, tighinn bhon a h-uile duine leis a bheil a' chroit - na "co-shealbhaichean" - seach aon duine a-mhàin - agus iad còmhla nan "uachdaran" air a' chroit.

Chaidh co-dhùnadh Cùirt an Fhearainn an aghaidh sin, ag ràdh gum faodadh aon duine dhiubh tighinn air adhart le iarrtas, nam biodh an t-iarrtas sin a' buntainn ris a' phìos den chroit a bha leotha fhèin a-mhàin.

Thuirt an Coimisean nach deadh iad an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin, ach tha iad ag ràdh gum bi buaidh aig a' bhreith seo air croitearan eile.

"Bheir seo buaidh air co-shealbhaichean croite, a thaobh an dleastanais a th' orra a' chroit a chlàradh mus cuir iad cuid de dh'iarrtasan a-steach," thuirt Tè-Ghairm a' Choimisein, Susan Walker.

"Tha an Coimisean ag obair gus am bi am poileasaidh againn a tighinn a rèir a' bhreithneachaidh seo, agus tòisichidh sinn air iarrtasan a tha a' buntainn ri pàirtean croite bho cho-shealbhaiche fa-leth a làimhseachadh."

Tuilleadh air an sgeulachd seo