Comhairle a' gearain mu phoileasaidh ghlèidhteachais

  • 16 An Gearran 2015
Dàibhear Image copyright PA
Image caption Dh'iarr a' Chomhairle gun deadh sùil a thoirt air na buannachdan eaconamach, leithid turasachd, a thigeadh à àrainneachd mhara fhalain.

Dh'fhàg Comhairle Na Gàidhealtachd air Riaghaltas na h-Alba nach eil na planaichean aca airson àrainneachd na mara far chosta siar na dùthcha làidir gu leòr.

Mar phàirt de fhreagairt air co-choimhearlachadh mu na planaichean dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd gun deadh riaghailtean nas cruaidhe a chur an sàs air iasgach a tha a' toirt droch bhuaidh air an àrainneachd.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh gun teid 13% de dh'uisgeachan na h-Alba a chomharrachadh mar Sgìrean Glèidhte Mara, no Sgìrean Glèidhte Sònraichte.

Tha a' Chomhairle ag ràdh ge-tà, gu bheil iad tàmailteach gu bheil riaghailtean a thaobh glèidhteachais gu bhith a' bualadh air "corra sgìre iomallach a-mhàin", an àite lìonra leantainneach a bhith fo dhìon mar a chaidh a mholadh an toiseach.

Thuirt iad cuideachd gum bu chòir riaghailtean nas teanna a bhith ann air seòrsaichean iasgaich a tha a' dèanamh cron air an àrainneachd, leithid a bhith a' cliathradh grunnd na mara airson maoraich leithid chreachan.

Tha a' Chomhairle cuideachd ag iarraidh gum bi barrachd sgìrean ann far nach eil cead aig iasgach coimearsalta a dhol air adhart.

Tha iad ag ràdh gum bu chòir don Riaghaltas beachdachadh air na buannachdan eaconamach a thigeadh à turasachd stèidhichte air àrainneachd fhalain aig muir.