Muinntir Bharabhais airson an oighreachd a cheannach

  • 13 An Gearran 2015
Barabhas
Image caption Tha an t-uachdaran air innse gu bheil e deònach tighinn gu aonta airson an oighreachd a reic.

Bhòt daoine a tha a' fuireach air Oighreachd Bharabhais air taobh siar Leòdhais airson am fearann a cheannach às leth na coimhearsnachd.

Bhòt 417 air a shon, le 80 a' bhòtadh na aghaidh.

Tha an t-uachdaran air innse roimhe gu bheil iad deònach an oighreachd, sa bheil 44,000 acaire, a reic.

Tha a' bhuidheann a chaidh a chur air dòigh gus na planaichean a thoirt air adhart air a bhith a' sgrùdadh na ghabhas dèanamh air an oighreachd.

Am measg an cuid phlanaichcean, tha 40 dachaigh ùr a thogail a ghabhas ceannach no gabhail air màl reusanta, còig chrainn-ghaoithe a chur an-àirde, agus ionad mìneachaidh àrainneachail a thogail.

Teachd-a-steach

Tha a' bhuidheann an dùil gum faigheadh a' choimhearsnachd teachd-a-steach £60,000 sa bhliadhna bhon oighreachd, a tha iad airrson a cheannach às aonais nan còirichean iasgaich.

Tha an oighreachd air a bhith leis an teaghlach Duckworth o chionn 85 bliadhna.

"Tha mi toilichte dha-rìribh, leis an taic a tha an sluagh an dèidh sealltainn anns an stiùireadh a tha sinn an dèidh toirt mun coinneimh, agus toilichte gun urrainn dhuinn a dhol air adhart a-nis a bhruidhinn ris an oighreachd airson an talamh a cheannach," thuirt fear dhe na stiùirichean aig Urras Sgìre Oighreachd Bharabhais, Coinneach Iain MacLeòid.

"Ach tha tòrr obrach ri dhèanamh fhathast. Chan eil an seo ach toiseach-tòiseachaidh.

"Tha seo a' toirt misneachd dhuinn gu bheil sinn air an t-slighe cheart co-dhiù.

"An ath-cheum, 's e, feumar iarrtas a chur a-steach gu Stòras an Fhearainn. Feumar faighinn a-mach dè an sùim airgid a tha an oighreachd a' coimhead airson.

"Tha beachd againn fhìn. Tha sinn an dèidh tomhas luach fhaighinn, agus bhiodh sinn an dòchas nach biodh e cus eadar-dhealaichte ris an t-sùim airgid a tha sin," thuirt e.

Còirichean an Iasgaich

Chan eil a' bhuidheann ag amas air na còirichean iasgaich a cheannach, 's iad ag ràdh gum biodh sin seachad air na comasan ionmhais a th' aca aig an ìre seo.

'S ann às na còirichean iasgaich a tha a' chuid as motha de theachd-a-steach na h-oighreachd a' tighinn ge-tà.

Thuirt an Comhairliche as ùire anns an sgìre, Alasdair Bàn MacIllInnein, 's e a' cur fàilte air an naidheachd, gu bheil e airson coinneachadh ris a' bhuidheann feuch a bheil iad airson taic Chomhairle nan Eilean Siar iarraidh le sin.

"Bu chaomh leam cho luath 's is urrainn dhomh coinneamh a bhith agam còmhla riutha agus faicinn dè ghabhas a bhith dèante," thuirt Mgr MacIllInnein.

"Tha mise ann airson cuideachadh sam bith a dhèanamh, agus nì mise sin dhaibh, ma 's urrainn dhomhsa an cuideachadh," thuirt e.