Muinntir Bharbhais a' bhòtadh

  • 10 An Gearran 2015
Barbhas
Image caption Tha muinntir Bharbhais a' bhòtadh air plana gus an oighreachd a cheannach.

Thig fios Diardaoin a bheil coimhearsnachd Bharbhais ann an Leòdhas airson an oighreachd a cheannach.

'S iad Comhairle nan Eilean Siar a tha os cionn na bhòta, is bileagan-bhòtaidh air an sgaoileadh gu còrr 's 900 duine a tha a' fuireach taobh a-staigh chrìochan na h-oighreachd.

Feumaidh na bhòtaichean a bhith air an tilleadh ro 4:00f Diardaoin is thèid an cunntadh an uair sin ann an Talla Bharbhais, le dùil ri toradh a' bhaileit mu 8:30f.

Thathas a' faighneachd dha na daoine a bheil iad airson is gun ceannaich a' choimhearsnachd am fearann

Cha bhiodh na còirichean iasgaich an cois an aonta leis gu bheil sgrùdadh a rinneadh roimhe a' cumail a-mach gum biodh iad ro chosgail.

Tha Cathraiche Buidheann-stiùiridh Urras Oighreachd Bharbhais, Aonghas MacLeòid, dòchasach mun bhòt.

Ùpraid

"Tha sinne a' smaoineachadh gum bi gu leòr airson na h-ùpraid a tha sinn a' dèanamh 'son ceannach na h-oighreachd, gum bi iad dòigheil gu leòr leis an rud a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh", thuirt e.

Ma thig taic bho na daoine, thèid a' bhuidheann-stiùiridh a chòmhradh ris an oighreachd mun phrìs, is iarraidh iad an uair sin taic bho Stòras an Fhearainn.

Ged a tha obair gu leòr romhpa fhathast, tha a' bhuidheann-stiùiridh a-nise dòchasach gu bheil an gnothach a-nise a' tighinn gu ìre.

"Tha sinn uile gu math toilichte an ìre seo a ruighinn", thuirt Aonghas MacLeòid.

"S iomadh bliadhna a bha sinn an sàs ann agus mu dheireadh thall tha sinn a' faicinn solas an ceann an tunnail", thuirt e.