Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt Seansalair nan Làbarach, Ed Balls, gur e tubaist uabhasach a bhiodh ann do Bhreatainn falbh, no fiù 's a bhith a' maoidheadh an t-Aonadh Eòrpach fhàgail. Bha Mgr Balls a' bruidhinn ri co-labhairt Seòmraichean Malairt Bhreatainn ann an Lunnainn. Tha John Longworth, Ceannard nan Seòmraichean Malairt, ag ràdh gum feumar referendum a chumail a dh'aithghearr air àite na Rìoghachd Aonaichte san Aonadh Eòrpach, oir gun dèan bliadhnaichean de mhì-chinnt cron air an eaconamaidh.

Bhòt nam Prìosanach

Thuirt Cùirt Eòrpach nan Còirichean Daonna gun deach còirichean còrr is mìle prìosanach ann am Breatainn a bhriseadh nuair a chaidh bhòt a dhiùltadh dhaibh ann an taghaidhean. Bha na britheamhan ann an Strasbourg a' toirt sùil air cùis nam prìosanach ann an diofar thaghaidhean eadar 2009 agus 2011.

Bath

Dhearbh poilis cò an ceathrar a chaill am beatha an-dè nuair a theich làraidh le bruthaich chas ann am Bath. B' iad nighean bheag a bha ceithir bliadhna de dh'aois, agus triùir fhear à ceann a deas na Cuimrigh. Tha dràibhear na làraidh, agus ceathrar eile anns an ospadal.

Bashar al-Assad

Chuir Ceann-suidhe Shiria, Bashar al-Assad, dìon air fhèin agus air feachdan an riaghaltais aige an dèidh ceithir bliadhna de chogadh shìobhalta. Chaidh e às àicheadh, agus e a' bruidhinn ris a' BhBC, gun tug feachdan Shiria ionnsaigh air sgoiltean, 's gun do chleachd iad armachd cheimigeach ann an ionnsaighean air a' mhòr-shluagh.

Sgrùdaidhean Poilis

Thuirt Caidreachas Phoileas na h-Alba gum feum astar a bhith eadar poileataigs agus obair nam Poileas, agus connspaid a' sìor-dhol air adhart mu phoilis a bhith a' stad agus a' rannsachadh dhaoine. Thog Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' chùis seo ann an Holyrood an t-seachdain seo chaidh. Thuirt Rùnaire Chaidreachas nam Poileas, Calum Steele, an-diugh gum feumar dìon a chur air neo-eisimeileachd nam Poileas bho bhuaidh luchd-poileataigs.

Ministear

Thèid an t-Urr. Dàibhidh MacLeòid a phòsadh ri coithional ùr na h-Eaglaise Saoire ann an ceann a tuath na Hearadh a-nochd. Chaidh an coithional a stèidheachadh air na Tairbeart bho chionn beagan mhìosan an dèidh dha na h-uimhir anns an sgìre sin Eaglais na h-Alba fhàgail.