Dragh mu sheirbheisean màthaireachd

  • 9 An Gearran 2015
Leanabh a th' air ùr-bhreith
Image caption Tha dùil gum mair an suidheachadh seo co-dhiù mìos, ged a tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gum bi iad a' coimhead ris a' chùis gach seachdain.

Bho Dhiluain, feumaidh boireannaich anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse aig a bheil dùil ri leanabh a dhol a dh'Inbhir Nis ma thig an leanabh aca taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum b' fheudar dhaibh an t-seirbheis air an oidhche a chasg rè ùine air sgàth cion mhnathan-glùine.

Thuirt iad ge-tà, gum bi dotair ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis a' cumail taic ri luchd-obrach Ospadal an Ath-Leathainn ma nochdas cùis èiginn sam bith.

Tha dùil gum mair an suidheachadh seo co-dhiù mìos, ged a tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gum bi iad a' coimhead ris a' chùis gach seachdain.

Cùis uallaich

Tha an Comhairliche Sgitheanach Hamish Friseal ag ràdh gur e cùis uallaich a tha seo do mhuinntir an eilein.

"Chan eil paiste a' dol a thighinn a-steach dhan t-saoghal eadar naoi uairean sa mhadainn agus còig uairean feasgar - mar sin bidh a h-uile duine a tha a' feitheamh airson paiste a' falbh a dh'Inbhir Nis", thuirt e.

Thuirt e gu bheil e gu h-àraidh duilich gu bheil seo a' tachairt sa Gheamhradh nuair a dh'fhaodadh droch shìde maill a chur air daoine a dh'fheumas siubhal.

Tha dragh air cuideachd gur e oidhirp a tha seo air seirbheisean slàinte anns an Eilean Sgitheanach a ghearradh.

"Feumaidh sinn sùil gu math mìonaideach a chumail air an seo".

Thuirt an Comh. Friseal gun tog e na draghan a th' air le NHS na Gàidhealtachd 's e a' sireadh gealltanais bhuapa nach e suidheachadh a th' ann a dh'fhaodadh èirigh a-rithist.