"Chan eil Achd na Gàidhlig ag obair"

  • 6 An Gearran 2015
A' Ghàidhlig
Image caption Tha Mgr Fearghasdan ag ràdh gur e gum bi barrachd dhaoine, gu h-àraid an òigridh, a' bruidhinn na Gàidhlig, an rud as bunaidiche.

Cha-mhòr deich bliadhna bho thàinig Achd na Gàidhlig a-steach, tha ceistean gan togail mu dè feum a tha i air a dhèanamh.

Tha a' chiad Chathraiche a bh' air Bòrd na Gàidhlig, Donnchadh Fearghasdan, ag ràdh nach eil an Achd ag obair mar a bu chòir.

Tha seo an dèidh do dh'fhigearan mionaideach bhon chunntas-sluaigh sealltainn nach eil comas sam bith anns a' Ghàidhlig aig dàrna leth de chloinn nan Eilean Siar.

"Chan eil mi airson a bhith ro dhubhach. Tha a' Ghàidhlig nas fhollaisiche air feadh na dùthcha, le sianal Gàidhlig againn, soidhnichean rathaid, tha Oilthigh na Gàidhealtachd againn, Mòd Inbhir Nis fìor shoirbheachail, is rudan mar sin. Planaichean Gàidhlig aig iomadach buidhinn," thuirt Mgr Fearghasdan.

Ceangal Coimhearsnachd

"Ach chan urrainn dhuinn seachnadh nan àireamhan a tha a' nochdadh sa Chunntas-Sluaigh.

"Gu bheil thairis air leth na cloinne eadar trì is 15 sna h-Eileanan gun chomas Gàidhlig idir.

"Shaoilinn gum biodh e iomchaidh gum biodh sinn a' toirt sùil, an dèidh deich bliadhna den Achd, dè cho feumail 's a tha i air a bhith," thuirt e.

Chaidh Comhairle nan Eilean Siar às àicheadh gu bheil suidheachadh a' chànain anns na h-Eileanan cho dona 's a tha na h-àireamhan a' dèanamh a-mach.

"Chan eil mise a' cur sìos air a' Chomhairle ann an dòigh sam bith. Shaoilinnsa gur e an Riaghaltas agus Bòrd na Gàidhlig a bu chòir a bhith a' dèanamh barrachd.

"Tha fhios agam gun bheil iad ag obair còmhla ris na comhairlean, ach feumaidh iad barrachd obrach a dhèanamh leis na comhairlean," thuirt e.

Ghabh Mgr Fearghasdan ris gu bheil èifeachdas Achd na Gàidhlig a' tighinn sìos gu cho èifeachdach 's a tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith.

"Tha ann an iomadach dòigh. A' toirt air aghaidh mion-chànain san là a th' ann, chan eil e furasta.

"Tha suidheachadh poileataigeach eadar-dhealaichte againn, tha suidheachadh eaconamach eadar-dhealaichte againn, on a thàinig Achd na Gàidhlig, 's on a thàinig Bòrd na Gàidhlig gu bith.

"'S le sin chan eil e furasta idir, ach bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh rannsachaidh mun cuairt air ciamar a tha cùisean a' dol.

"Tha sinn a' dol a bhith a' faotainn cheannaird ùir air Bòrd na Gàidhlig, bidh cathraiche ùr againn ann an ùine nach bi fada.

"Cha robh còmhdhail nàiseanta againn mar eisimpleir, bho chionn fhada. Tha sin feumail, gum bi Bòrd na Gàidhlig follaiseach, a' bruidhinn gu follaiseach ris a' choimhearsnachd.

Barrachd ga Bruidhinn

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn air call a' cheangail sin eadar Bòrd na Gàidhlig agus coimhearsnachd na Gàidhlig beagan. Agus a-rithist chan eil mi a' cur sìos air duine sam bith airson sin.

"Duine nas comasaich na mise, feumaidh iad sùil gheur a thoirt air na h-àireamhan a tha seo. Chan urrainn dhuinn a bhith a' seachnadh nan àireamhan a nochd sa Chunntas-Sluaigh mun cuairt air comas cloinne.

"Feumaidh sinn a bhith a' toirt sùil air ciamar a ghabhas seo a thoirt air aghaidh, gu h-àraidh aig ìre nan sgoiltean. Barrachd aonadan Gàidhlig, barrachd sgoiltean Gàidhlig, agus barrachd chothroman airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig anns na h-àrd-sgoiltean.

"Cha do rinn sinn mòran mun cuairt air sin ann an deich bliadhna.

"An rud as bunaidiche airson Bòrd na Gàidhlig, airson a h-uile duine a tha an sàs ann an leasachadh ar cànain, gum bi barrachd dhaoine ga bruidhinn, agus gu h-àraidh aig ìre nan sgoiltean, gum bi barrachd òigridh ga bruidhinn.

"Agus feumaidh sinn a bhith a' bruidhinn am measg a chèile. Tha duilgheadasan mòra mar eisimpleir mun cuairt air maoineachadh airson nam buidhnean Gàidhlig an-dràsta. Chan eil sin a' dèanamh feum.

"Tha tòrr mì-chinnt mun cuairt ann an saoghal na Gàidhlig, agus tha sinn feumail a bhith fosgailte mun cuairt air sin," thuirt e.

Thathas a' feitheamh beachd air a' chùis bho Bhòrd na Gàidhlig.