Uairean sgoile nas giorra "aocoltach"

  • 5 An Gearran 2015

Thuirt àrd-chomhairliche aig Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil e "aocoltach" gun tèid na h-uairean a tha clann a' cur seachad ann am bun-sgoiltean a ghearradh air sgàth phlanaichean maoineachaidh ùra aig Riaghaltas na h-Alba.

Tha an Riaghaltas am beachd £51m a roinn eadar ùghdarrasan ionadail gus dreuchdan teagaisg a ghlèidheadh, ach dh'iarradh iad an t-airgead air ais nan tuiteadh àireamhan.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' coimhead ri gearraidhean eile luach £14m a chur an sàs thairis air an ath thrì bliadhna.

Am measg eile, bha iad a' beachdachadh air uairean sgoile a ghearradh dhan chloinn as sine anns na bun-sgoiltean.

Ach, ri linn nam planaichean aig Riaghaltas na h-Alba airson £51m a thoirt do chomhairlean airson tidsearan a chumail, tha ceannard buidseit Chomhairle na Gàidhealtachd, Maxine Nic a' Ghobhainn, ag ràdh gu bheil e "aocoltach dha-rìribh" gun seall iad ris a' mholadh a-rithist.

Thuirt i gum feumadh iad gearraidhean eile a lorg.