£156m a dhìth airson rathaidean a chàradh

  • 4 An Gearran 2015
Toll
Image caption Thuirt oifigearan gun cosg e £16m na rathaidean a chumail anns an staid anns a bheil iad.

Tha e duilich do Chomhairle na Gàidhealtachd dèiligeadh ri staid nan rathaidean, agus tha aithisg ùr a' meas gu bheil £156m a dhìth airson an càradh.

Tha oifigearan a' toirt rabhaidh seachad gum fàs an suidheachadh nas miosa mura tèid tuilleadh maoineachaidh fhaighinn.

Canaidh aithisg a chì Comataidh Seirbheisean Coimhearsnachd Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin gum faodadh e £156m a chosg dèiligeadh ri nithean mar tuill anns na rathaidean.

Agus, tha an aithisg ag ràdh gu bheil an liosta de dh'obair a tha ri dhèanamh a' fàs nas motha.

Tha 36% de shlighean air am meas truagh, an coimeas ri 29% bho chionn ceithir bliadhna.

'S e na Crìochan an aon àite air an tuath a tha nas miosa na a' Ghàidhealtachd.

Thuirt oifigearan gun cosg e £16m na rathaidean a chumail anns an staid anns a bheil iad.

Chosg iad £4.65m air obair càraidh an-uiridh.