Cead do dh'ospadal ùr

  • 4 An Gearran 2015

Tha Riaghaltas na h-Alba air cead a thoirt do phlanaichean airson ospadal coimhearsnachd ùr a thogail ann am Bàideanach agus Srath Spè.

Tha NHS na Gàidhealtachd an dùil an t-ospadal ùr a thogail aig Pàirce Theicneòlais na h-Aghaidh Mòire, air chosgais £12m.

Thèid Ospadal an Naoimh Vincent ann an Ceann a' Ghiuthsaich, agus Ospadal Iain Theàrlaich ann am Baile nan Granndach, a dhùnadh.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gum faodadh obair-togail tòiseachadh ann an 2017.

Tha dùil gum bi an t-ospadal fosgailte san Dùbhlachd 2018.