Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ebola

Tha rannsachadh air tighinn chun a' cho-dhùnaidh gu bheil a h-uile coltas ann gun do ghac banaltram Albannach Ebola ann an Afraga air sgàth 's gur e visor a bha mu a sùilean an àite goggles. Thuirt an carthannas Save the Children dhan robh Pauline Cafferkey ag obair gum faodadh nach deach am visor a thoirt dhith ann an dòigh a bha sàbhailte.

An Taghadh Coitcheann

Dh'fhaodadh Douglas Alexander bhon Phàrtaidh Làbarach, agus an Lib-Deamach Danny Alexander na seataichean aca a chall anns an taghadh choitcheann. Seo a rèir chunntasan bheachd a chaidh fhoillseachadh an-diugh. Choimhead an rannsachadh aig a' Mhorair Ashcroft air còrr air cairteal de na roinnean pàrlamaid Albannach, agus tha iad a' dèanamh dheth gu bheil Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air thoiseach ann an 15 a-mach à 16 sgìre.

Sgrùdaidhean Poilis Fo-aois

Tha àireamhan ùra a fhuair am BBC a' sealltainn gun deach na ceudan fo aois 12 a stad agus a sgrùdadh leis na Poilis an-uiridh. Tha seo a dh'aindeoin 's gun tuirt na Poilis gun sguireadh an leithid. Ach tha an àireamh air tuiteam anns a' bhliadhna mu dheireadh, ged nach eil a' mhòr-chuid de na cùisean fhathast air an comharrachadh anns an lagh. Thuirt Poilis Alba gu bheil an leithid èifeachdach ann a bhith a' lùghdachadh eucoir a tha brùideil, agus dol-a-mach mì-shòisealta.

Àrd-Sgoil Lìonail

Thèid deasbad a chumail ann an coinneimh den Chomhairle air fad an ath-sheachdain air Àrd-Sgoil Dà Bhliadhna Lìonail ann an Nis. Bhòt Comataidh Foghlaim Chomhairle nan Eilean Siar an-raoir an sgoil a dhùnadh. Thuirt an cathraiche gum biodh sin nas fheàrr do dh'fhoghlam na cloinne. Ach tha luchd-iomairt fhathast dòchasach gun tèid aca air an sgoil a chumail fosgailte.

Bàs Leanaibh

Nochdaidh boireannach aois 35 bliadhna, anns a' chùirt a-màireach an dèidh bàs leanaibh aois deich mìosan ann an Dùn Èideann. Chaidh Chloe Sutherland a thoirt dhan ospadal feasgar an-dè bho thaigh ann am Parkhead View ann an sgìre Longstone. Chaochail i goirid ro mheadhan oidhche. Chaidh na Poilis a ghairm chun an taighe agus aithrisean ann gun robh dragh ann mu shàbhailteachd an leanaibh.

Malaig - Loch Baghasdail

Nochd e nach eil an t-aiseag eadar Malaig is Loch Baghasdail air seòladh ach ceithir tursan a-mach à deich bho thòisich an sgeama pìleat a-rithist air a' Gheamhradh seo. Thàinig na h-àireamhan bho cheist a dh'fhaighnich am Ball Làbarach Rhoda Ghrannd anns a' Phàrlamaid. Thuirt a' bhuidheann Còmhdhail na h-Alba gun tèid beachdachadh air a' bhuaidh a tha droch shìde a' toirt air an t-seirbheis tron Gheamhradh nuair a bhios iad a' measadh an sgeama phìleat.

Taiwan

Tha sgiobannan teasairginn ann an Taiwan a' feuchainn ri feadhainn a tha glacte am broinn itealain a thàinig a-nuas ann an Abhainn a shaoradh. Chaidh deugachadh dhaoine a mharbhadh. Bhuail seirbheis adhair Transasia Airways ann an drochaid goirid an dèidh dhi falbh à port-adhair.