Suidheachadh na Gàidhlig "a' tighinn air adhart"

  • 3 An Gearran 2015
Seomar-teagaisg
Image caption Bha 49% eadar 16 - 24 gun chomas sam bith sa Ghàidhlig.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach eil suidheachadh na Gàidhlig am measg òigridh nan Eilean idir cho dona 's a sheall figearan bhon Chunntas-sluaigh mu dheireadh a chaidh a dhèanamh ann an 2011.

Sheall figearan a' chuntais-shluaigh, a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain a chaidh, nach robh comas sa Ghàidhlig aig 56% de chloinn nan Eilean fo aois 10 bliadhna.

Uile gu lèir bha 51.85% aig nach robh Gàidhlig sam bith eadar 3 agus 15 bliadhna de dh'aois anns na h-Eileanan Siar.

'S iad an fheadhainn as sine anns na h-Eileanan aig an robh na comasan cànain a b' fheàrr.

"Adhartas"

Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, nach robh na figearan bhon Chunntas-sluaigh a' toirt seachad deilbh fhìrinnich air an t-suidheachadh.

Thuirt e gun robh tòrr air atharrachadh bho 2011, a thaobh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig gu sònraichte.

"Tha sinn air adhartas a dhèanamh. Tha sinn a-nis a' ruighinn na h-ìre far a bheil còrr is 47% anns a' chiad bliadhna anns a' bhun-sgoil a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha 32% anns na bun-sgoiltean air fad a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig", thuirt e.

Thog e ceist cuideachd mu na bhathas a' faighneachd anns a' chunntas-sluaigh, 's e a' dèanamh dheth gur dòcha nach do thuig cuid na ceistean a chaidh a chur orra.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn a bhith faiceallach - an àite a bhith a' gabhail ris gur e sin dìreach mar a tha cùisean, tha còir againn rannsachadh a dhèanamh air cùl sin".

Sgoiltean Gàidhlig?

Thuirt Mgr Dòmhnallach ge-tà nach robh na figearan a' cur ris an argamaid gum bu chòir sgoiltean Gàidhlig fa-leth a bhith air an stèidheachadh anns na h-Eileanan Siar.

Thuirt e gum biodh a' Chomhairle deònach sgoiltean a chomharrachadh mar sgoiltean Gàidhlig nuair a tha a' choimhearsnachd, pàrantan agus Roinn an Fhoghlaim ga mheas freagarrach, ach gu bheil e duilich sin a dhèanamh ann an àitean leithid Leòdhais nam feumadh clann, aig aois 5 bliadhna, astar mòr a shiubhail mus fhaigheadh iad thuice.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile