Drabastair ga dhiteadh

  • 30 Am Faoilleach 2015
Mark MacIllInnein Image copyright Spindrift
Image caption Chaidh MacIllInnein a dhiteadh san Àrd-Chùirt ann an Glaschu.

Chaidh fear a dhiteadh aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu de bhalach a bha trì bliadhna de dh'aois èigneachadh, 's ionnsaioghean drabasta a thoirt air nighean nuair a bha i eadar 12 agus 15.

Chaidh Mark MacIllInnein a tha 30, fhaighinn cionntach cuideachd air casaid gun do tharraing 's gu do chum e dealbhan drabasta de chloinn - rud a dh'aidich e mu thràth sa chùirt.

Chaidh am balach òg èigneachadh aig sgoil-àraich ann an sgìre Loch Abar.

Thugadh ionnsaighean air an nighean grunn thursan ann an Sruighlea, Dùn Bhlathainn agus Dùn Phàrlainn.