Aiseag a' tighinn a-steach gu cala Steòrnabhagh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceann-là son Loch Seaforth tòiseachadh

28 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha àrd-oifigear Chal Mac ag ràdh gun tòisich am bàt-aiseag ùr, an Loch Seaforth, air slighe Steòrnabhaigh an ceann cola-deug.

Thuirt Martin Dorchester aig a' cheart àm gun toireadh iad a h-uile cuideachadh do ghnìomhachas na turasachd gus nach bi call aca nuair a bhios obair a bharrachd ga dèanamh aig cidhe Ulapuil sa Ghiblean.

Agus thèid coimhead cuideachd ri bhith a' cleachdadh an Isle of Lewis as t-samhradh airson tuilleadh luchd-siubhail a thoirt do na h-eileanan.