Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

28 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cùisean-lagha

Dh'fhaodadh cuid de chùisean-lagha a bhith air an craoladh air an telebhisean, fo mholaidhean a chuir àrd bhritheamhan na h-Alba air adhart. Thuirt am Morair Ceann-suidhe - Am Morair Gill - gum faodadh na h-òraidean breithneachaidh a bhith air an craoladh.

Iapan

Tha Riaghaltas Iapain ag ràdh gu bheil an dùthaich a' dèanamh a h-uile oidhirp airson feuchainn ri dithis a tha am bruid aig an Stàit Islamaich a shaoradh. Tha IS a' bagairt fear-naidheachd à Iapan agus poidhleat à Iordan a mharbhadh mura tèid boireannach Ioracach, a tha na reubaltach, a shaoradh.

Cal Mac

Thuirt Cal Mac gun dèan iad oidhirp shònraichte gus nach fhulaing luchd-siubhail no gnìomhachasan call sam bith fhad 's a bhios an obair air alt-aiseag Ulapuil a' cur maill air an t-seirbheis àbhaisteach eadar Stèornabhagh is Ulapul. Dhearbh iad cuideachd gum bi an Isle of Lewis ann an Steòrnabhagh - agus deiseil airson luchd-siubhail agus carbadan air nach dèan an Loch Seaforth a' chùis a thoirt leatha - tron t-samhradh. A thuilleadh air an sin, bha iad a' bruidhinn mu chothroman do thurasachd.

Riaghaltas na Grèige

Thuirt Prìomhaire ùr na Grèige gum bi an dùthaich a' pàigheadh nam fiachan a chaidh oirre nuair a chaidh cobhair a dhèanamh air an eaconomaidh. Tha an caibineat a' coinneachadh airson a' chiad uair anns a' mhadainn an-diugh. Fhuair am pàrtaidh Syriza a-steach às dèidh dhaibh gealltainn feuchainn ri aonta ùr fhaighinn mu dheidhinn fiachan na dùthcha.

Slainte sna Hearadh

Bhòt mòr-chuid aig coinneimh phoblaich sna Hearadh a-raoir nach eil iad riaraichte leis an t-seirbheis dotair a thathas a' faighinn taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach. Tha i ga ruith à Steòrnabhagh fo sgeama pìleat leis a' Bhòrd Slàinte. Aig coinneamh phoblach leis a' Bhòrd air an Tairbeart a-raoir, chomharraich seachdnar gu bheil iad riaraichte leis an t-seirbheis.