Coinneamh na Camanachd

  • 28 Am Faoilleach 2015
Caman
Image caption Thig dearbhadh air lìogaichean 2015 an ceartuair.

Tha dùil ri dearbhadh bho Chomann na Camanachd oidhche Chiadain cò an ochdamh sgioba a chluicheas san Lìog Nàiseanta san t-seusan ùr.

Chaidh beàrn fhàgail san lìog às dèidh do dh'Eilean Bhòid cothrom cluich ann a dhiùltadh.

Chrìochnaich na Bòdaich aig bonn na lìge an-uiridh ach leis mar a chaidh crathadh a thoirt air na farpaisean, chaidh cothrom eile a thoirt dhaibh.

Bha na h-eileanaich den bheachd ge-tà nach robh iad comasach air ceann a' mhaide a chumail ris na sgiobaidhean eile aig an ìre sin an-dràsta.

Cothrom

Dhiùlt an uair sin grunn sgiobaidhean eile cothrom gluasad suas dhan lìog.

Tha a h-uile coltas ann a-nise gur e Inbhir Nis, a chrìochnaich aig bonn Lìog Tuath 1 an-uiridh, a ghabhas an t-àite mu dheireadh san Lìog Nàiseanta.

Tha linn ùr air tòiseachadh aig sgioba a' bhaile le Drew MacNèil a-nise os cionn a' chluba is a tha e coltach gu bheil e fhèin airson is gum feuch iad air an ìre as àirde.

Leis nach eil roghainnean eile aig Comann na Camanachd, tha a h-uile coltas ann gum faigh a mhiann.

Iarrtas

Beachdachaidh a' choinneamh oidhche Chiadain cuideachd air iarrtas bho Ghleann Garradh gus gluasad à Lìog Tuath 1 gu Lìog Tuath 2.

Dhearbh Loch Bhraoin mar thà nach bi iadsan a' cluich am-bliadhna.

Thig dearbhadh cuideachd air cluba ùr Òban Latharna a tha airson cluich ann an Lìog Deas 2 ann an 2015.

Tha dùil gun tèid clàr nan geamaichean air fad fhoillseachadh goirid às dèidh na coinneimh is dìreach beagan sheachdainnean ann gus an tòisich an seusan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile