100 cosnadh ùr dhan Eilean Sgitheanach?

  • 28 Am Faoilleach 2015
Cidhe Stafainn
Image caption Dh'fhaodadh an leasachadh mu 100 cosnadh a chruthachadh

Dh'fhaodadh gun cruthaich leasachadh mòr a tha san amharc air taobh sear an Eilein Sgitheanaich mu 100 cosnadh, a rèir rannsachaidh ùir.

Tha a' chompanaidh Skye Sea Harvest a' moladh factaraidh ghiollachd èisg a thogail aig Cidhe Stafainn, le goireasan ann cuideachd do luchd-turais.

Chaidh a' chiad choinneamh a chumail eadar a' chompanaidh agus urras leasachaidh na sgìre, a tha ag obair an co-bhann gus am pròiseact a thoirt air adhart.

Obraichean ùra

Thuirt Cathraiche Urras an Taobh Sear, Dòmhnall Dòmhnallach, gur e leasachadh a th' ann a bheir buannachdan mòra dhan sgìre.

"Bidh 40 obair anns a' chiad àite ag obair aig a' chaladh fhèin ach nuair a bheir thu a-staigh na h-obraichean eile a thaobh a bhith a' cruthachadh sheirbheisean mun cuairt air a' ghnìomhachas, tha e a' tighinn a-steach gum bi beagan is 100 obair a' tighinn a-mach às a' phròiseact a tha seo", thuirt e.

Chan ann a-mhàin ann an Stafainn a bhios na h-obraichean, thuirt e, ach sgapte air feadh an eilein agus fiù 's nas fhaide air falbh.

Tha planaichean ann cuideachd gus seann chuaraidh anns an sgìre fhosgladh às ùr gus nach bi aca ri creag a thoirt a-steach à àitean eile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo