Soidhne air an A9
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Àireamh a'dol ro luath air A9 tuiteam

27 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

A-rèir àireamhan ùra, thàinig lùghdachadh mòr air na chaidh a ghlacadh a dol ro luath air an A9 bhon a chaidh camarathan astair coitcheann a chur air an rathad.

Thubhairt Buidheann Sàbhailteachd an A9 gun do thuit an àireamh de dhraibhearan a bha a bristeadh an casg astair bho thimcheall air aon anns gach triùir gu aon anns gach fichead.

Ach tha an fheadhainn a tha air a bhith ag iomairt an aghaidh nan camarathan ag ràdh nach eil iad air pìseach a thoirt air sàbhailteachd.